Co-dhùnadh mu chead-tagsaidh èigniche 'maslach' a rèir neach-gairm comhairle

Daibhidh Brown a chaidh a dhìteadh airson èigneachadh a dhèanamh le fòn-laimhe Tùs an deilbh, ALAN SIMPSON
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh Daibhidh Brown a chur dhan phrìosan sa Chèitean airson ionnsaigh a thoirt air boireannach a bha 18 bliadhna de dh'aois

  • Air fhoillseachadh

Bha co-dhùnadh sianar chomhairlichean leigeil le fear a rinn èigneachadh dà chead-tagsaidh a chumail "maslach, tha neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh.

Chaidh binn prìosain sia bliadhna agus naoi mìosan air Daibhidh Brown, 50, à Crothaidh, faisg air Inbhir Nis, sa Chèitean airson ionnsaigh a thug e air boireannach, 18, a bha a' siubhal san tagsaidh aige.

San Ògmhios, bhòt sianar bhall fireann air comatadh ceadachd na Gàidhealtachd gun na ceadan-tagsaidh aig Brown a thoirt air falbh bhuaithe, ach bhòt ceathrar chomhairlichean boireann na aghaidh.

Aig coinneamh shònraichte den làn-chomhairle Dimàirt, thuirt an neach-gairm Bill Lobban gur e "gnothach neo-fhoisneachail" a bh' ann ann an eachdraidh an ùghdarrais ionadail.

Chaidh a' choinneamh an Inbhir Nis a ghairm sa chiad dol a-mach airson ath-sgrùdadh a dhèanamh air co-dhùnadh na comataidh ceadachd, ach leig Brown seachad na ceadan aige mus robh cothrom aig comhairlichean sin a dhèanamh.

Bhòt cion-earbsa

Thuirt Mgr Lobban gun robh an co-dhùnadh dhan tàinig a' mhòr-chuid air a' chomataidh ceadachd "do-dhèanta a chreidsinn agus, na mo bheachd fhèin, maslach".

Thuirt an comhairliche neo-eisimileach: "Tha e cudromach cuimhneachadh gu bheil neach-fulaing aig cridhe a' ghnothaich seo. Tha an t-eagal orm nach eil cus aire air a bhith air a thoirt orra sna beagan sheachdainean a dh'fhalbh."

Thuirt an comhairliche SNP Jackie Hendry gun robh i fhèin agus triùir bhoireannach eile air a' chomataidh an dùil gur e pròiseas sìmplidh a bhiodh ann dèiligeadh ri na ceadan san Ògmhios.

Thuirt i: "Bha sinn den bheachd gun rachadh dèiligeadh ris gu math luath leis a' chomataidh agus bha sinn air ar uabhasachadh le mar a thachair."

Thuirt i gur e an "rud ceart a dhèanamh" gun do chuir Brown bhuaithe na ceadan aige.

Bidh bhòt cion-earbsa ann an còignear den t-sianar chomhairlichean aig coinneimh den làn-chomhairle san t-Sultain.

'S iad Sean Ceannadach, seann chathraiche na comataidh agus nach eil an lùib buidhinn sam bith air a' chomhairle tuilleadh an dèidh dha ballrachd sa bhuidhinn neo-eisimilich a leigeil seachad.

Cuideachd, tha am ball Tòraidheach Ruairidh Stiùbhart agus comhairliche Caidreachas na Gàidhealtachd Donnchadh Mac a' Phearsain.

Bidh bhòt cion-earbsa cuideachd ann an John Grafton, air an do chuir Libearalaich Dheamocratach na h-Alba casg rè ùine, agus an comhairliche SNP Chris Birt air an do chuir am pàrtaidh aige casg rè ùine cuideachd.

Leig an siathamh ball, Willie MacAoidh, dheth a' dhreuchd air a' chomataidh agus mar chomhairliche an dèidh a' bhuairidh a bh' ann mun cho-dhùnadh. B' e ball neo-eisimileach a bh' ann.

Leig Mgr Ceanadach, Mgr Mac a' Phearsain agus Mgr Grafton dhiubh an dreuchdan air comataidh na ceadachd san Iuchar.

Dhearbh Tòraidhean na h-Alba Dimàirt gun robh Mgr Stiùbhart air leigeil dheth a dhreuchd air a' chomataidh cuideachd.

"Teachdaireachd chronail"

Thuirt Mgr Grafton agus Mgr Mac a' Phearsain gun do bhòt comhairlichean gun càil a dhèanamh airson teaghlach Brown a "dhìon".

Thuirt Mgr Mac a' Phearsain gum faodadh gum biodh iad air co-dhùnadh eile a ruighinn nan robh fiosrachadh aca nach robh ri fhaotainn air là na coinneimh.

Thuirt e gun tuirt oifigearan ris nach robh Brown "na chunnart an-dràsta", agus nach biodh cead aige a chaoidh tagsaidh a dhraibheadh a-rithist.

Thuirt e: "Tha mi a' bruidhinn mar athar nighinn agus fear aig a bheil triùir pheathraichean, agus mar sheanair, agus tha e na adhbhar dragh dhomh gu bheil co-dhùnadh a rinn mise air a' chomataidh a' fàgail gu bheil ceist ann mu shàbhailteachd bhoireannach air a' Ghàidhealtachd."

Thuirt e gur e sin a bu choireach gun do leig e dheth a dhreuchd air a' chomataidh.

Chaidh cead-draibhidh tagsaidh aig Brown a thoirt air falbh rè ùine san Fhaoilleach 2024 an dèidh mar a thàinig na h-eucoirean aige am follais.

Bha cead eile aige a bha a' leigeil leis an carbad aige a bhith air a chleachdadh mar thagsaidh.

Chaidh co-dhùnadh na comataidh san Ògmhios a chàineadh le cathrannasan a tha a' cumail taic ri daoine a dh'fhuiling èigneachadh agus ionnsaighean feiseil.

Thuirt iad gun robh e a' sgaoileadh "teachdaireachd chronail" mu shàbhailteachd bhoireannach.

Ath-thagradh

Air oidhche na h-ionnsaigh san Dùbhlachd 2023, thug Brown còmhdhail dhan bhoireannach an dèidh dhi a bhith a-muigh ann an Inbhir Nis agus i airson faighinn air ais dhan bhaile aice.

Seach a toirt dhachaigh, chaidh Brown seachad air an taighe aice agus stad e aig oir an rathaid eadar Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofharain far an do dh'èignich e i.

Dh'fhàg e às dèidh sin a-muigh air an t-sràid i ann an Inbhir Pheofharain ann an sìde reòta.

Tha dùil gum bi Brown a' dèanamh ath-thagraidh an aghaidh an dìtidh agus na binne.