Dhùisg torghan domhain bho chrith-thalmhainn cuid an Loch Abar a-raoir

An Gearasdan agus Beinn NibheisTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh crith-thalmhainn bheag a chlàradh ann an Loch Abar, le daoine gan dùsgadh leatha timhcheall air 04:00m.

Fhuair Suirbhidh Geòlais Bhreatainn grunn aithrisean den chrith ann an Drochaid an Aonachain, Drochaid Ruaidh, Inbhir Làir agus timcheall air a' Ghearasdan, 's iad fhèin air a clàradh aig neart 2.5.

Thuirt cuid gun cuala iad torghan domhain a mhair mu chòig diogan, a dhùisg iad, fhad 's a thuirt cuid gun do mhothaich iad rudeigin coltach ri spreadhadh fon talamh agus crathadh beag.

Chan eil crithean-talmhainn cumanta an Alba, agus nuair a thachras iad chan àbhaist gum mothaichear dhaibh.

Chaidh crith neart 1.0 a chlàradh faisg air an Eaglais Bhric air an 20mh là den Iuchar, agus tèile aig 2.3 a chlàradh aig Loch Carrann.

B' ann an-uiridh a chaidh na crithean-talmhainn tìre a bu làidire riamh am Breatainn a chlàradh ann an Alba, a rèir dàta on t-Suirbhidh.

Thachair iad beagan uairean de thìde eatorra faisg air Loch Lìomhainn ann an Siorrachd Pheairt, nuair a chaidh crith aig 3.7 a chlàradh an toiseach, le tèile aig 3.6 ga leantainn.

Thuirt an t-Suirbhidh gun tuirt 198 duine gun robh iad air a' chrith "fhaireachdainn", cuid aca suas ri 37.2 mìle air falbh.

Bha iad am measg 309 crithean-talmhainn a chaidh a chlàradh air feadh na Rìoghachd Aonaichte nn an 2025.