Naidheachdan 11:00m
Teintean
Thuirt na h-ùghdarrasan anns an Fhraing gun tàinig piseach air an t-suidheachadh le teintean mòra faisg air baile Bordeaux tron oidhche - ach gu bheil cunnart mòr annta fhathast. Tha dùil ri aimsir theth a-rithist ro dheireadh na seachdain-sa, le dragh gun dèan sin an suidheachadh nas miosa. Tha cùisean cuideachd air a dhol am feabhas anns an Spàinn beagan tron oidhche - ged a tha an aon dragh an sin gun tig na teintean a th' ann an grunn sgìrean nas miosa a-rithist.
Ionnsaigh fheiseil
Tha na Poilis ri rannsachadh anns an Òban agus e coltach gun deach nighean aois 15 eìgneachadh sa bhaile. Chaidh na seirbheisean èiginn gu àite faisg air Mossfield Avenue mu 11:15f oidhche Shathairne, agus aithris ann de dhroch ionnsaigh fheiseil. Thuirt Poileas Alba gun robh an rannsachadh aca a' leantainn.
Ionadan-dotair coiseachd a-steach
Tha fiosrachadh ùr a' nochdadh nach eil na tha sin de dhaoine chun an seo air feum a chur air seirbheis ùr a tha còir cothrom a thoirt do dhaoine dotair fhaicinn gun coinneamh a chur air dòigh aca ro làimh. Bha sia ionadan ùra air am fosgladh le Riaghaltas na h-Alba a bha ag ràdh gum biodh iad a' cuideachadh le cur às dhan t-strì a bhios aig daoine tric a bhith a' feuchainn ri coinneamh fhaighinn le dotair a' chiad char sa mhadainn. Tha am fiosrachadh ùr bho Shlàinte Phoblach na h-Alba ag ràdh nach deach ach beagan is 2,000 duine fhaicinn anns na sia ionadan a tha sin air a' mhìos a dh'fhalbh. Thuirt Rùnaire na Slàinte Angela Constance gur e sgeama pìdhleat a bha ann an-dràsta agus gu robh e fhathast aig ìre thràth.
Crìth-thalmhainn
Tha Prìomhaire Iapain ag ràdh gu bheil grunn thogalaichean air tuiteam am broinn a chèile, agus tha dùil gu bheil na dusanan dhaoine air an goirteachadh às dèidh crith-thalmhainn mhòir a bh' anns an dùthaich. Bha rabhadh an sàs le cunnart gun tigeadh tsunami às ach chaidh cur às dhan sin a-nis. Bha a' chrith-thalmhainn air a tomhas aig ìre 7.1, agus e a' bualadh faisg air baile Kumamoto air eilean Kyushu, an ceann a deas Iapain.
Johnson and Johnson
Tha a' chompanaidh Aimeireaganach, Johnson and Johnson, air aontachadh uiread ri £5.5bn a phàigheadh airson cùisean-lagha a thogadh nan aghaidh a rèiteach. Tha cùisean air an togail an aghaidh na companaidh agus iad a' fàgail orra gu bheil na stuthan talcum aca ag adhbharachadh aillse na h-ugh-lainn ann an cuid de dhaoine. Tha a' chompanaidh a-riamh air a bhith a' dol às àicheadh nan casiadean. Thuirt iad gu bheil an rèite an urra ri faisg air a h-uile neach a thug gu lagh iad gabhail ris an tairgse a tha iad a' tabhann orra.