Gearan nach eil £10m gu leòr mu choinneimh call staing nan aiseagan

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-gnothachais an Uibhist mì-thoilichte nach fhaigh iad ach cuibhreann den £10m a gheall Riaghaltas na h-Alba dhaibh airson dèiligeadh ri buaidh nan trioblaidean aiseig, a rèir fear de chomhairlichean na sgìre.
Tha cathraiche na còmhdhail, Ùisdean Robasdan, ag ràdh gu bheil mòran dhaoine air fios a chur thuige le an cuid draghan agus "na h-àireamhan a tha a' tadhal orra air tuiteam gu mòr".
Gheall am Prìomh Mhinistear Iain Swinney ann an iomairt taghaidh Holyrood sa Chèitean gun stèidhicheadh riaghaltas ùr SNP maoin £10m airson seasmhachd eileanaich.
Rùnaire ùr na Còmhdhail a' gealltainn 'adhartais' air trioblaidean aiseagan
- Air fhoillseachadh10 An t-Ògmhios
Iarrtas gun tig am Prìomh Mhinistear a dh'Uibhist 'son buaidh nan aiseagan fhaicinn
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt 2025
Air thuras a dh'Uibhist an-dè, dh'ainmich Mgr Swinney maoin luach £3m airson na bliadhna-ionmhais seo.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Mgr Robasdan gun robh dùil aig luchd-gnothachais an Uibhist ris an £10m "san aithghearrachd taobh a-staigh 100 là agus tha e na bhriseadh-dùil nach eil sin a' tachairt".
Thuirt e nach robh an £10m co-dhiù gu leòr mu choinneimh "a' chall a th' air a bhith aig gnìomhachasan ann an seo".
"Tha fìor fheum air an £10m an-dràsta fhèin," thuirt e.
Turasachd Uibhist: "Mura h-eil aiseagan a' tighinn, chan eil daoine a' tighinn"
- Air fhoillseachadh31 An t-Iuchar
Iarrtas gus faraidhean aiseig Uibhist a Deas a ghearradh 50%
- Air fhoillseachadh14 An Cèitean
Tha an Comh. Robasdan ag ràdh gu bheil luchd-gnothachais ris an do bhruidhinn e mì-thoilichte nach tàinig an t-airgead uile aig an aon àm.
"Sin am beachd a th' aca, gun robh dùil aca ris an £10m agus gu bheil iad a' dol a dh'fhaighinn an treas cuid den sin, agus nach eil sin math gu leòr.
"Bheir e beagan faochaidh ach cha dhèilig e ris na draghan a th' orra idir, idir airson cumail a' dol," thuirt e.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum bi an còrr den mhaoin a gheall iad ri fhaotainn thairis air beatha na Pàrlamaid seo.