Rùnaire ùr na Còmhdhail a' gealltainn 'adhartais' air trioblaidean aiseagan

Rùnaire na Còmhdhail, Stephen Flynn MSP
  • Air fhoillseachadh

Tha Runaire ùr na Còmhdhail, Stephen Flynn, a' gealltain adhartas a dhèanamh air na chuala e mu thriobalidean aiseagan agus seirbheisean adhair.

Sin às dèidh dha coinneachadh ri comhairlichean, luchd-gnothachais agus riochdairean coimhearsnachd à Uibhist is Barraigh ann an Dalabrog Diciadain.

Chuala e mu na duilgheadasan a th' ann a' faighinn air ais agus air adhart às Uibhist agus à Barraigh, agus a' bhuaidh a tha aig sin air dòigh-beatha.

Chaidh Stephen Flynn ainmeachadh san dreuchd sa chaibineat ùr aig Iain Swinney air a' mhìos sa chaidh.

Bha staing nan aiseagan gu mòr air aire dhaoine tro iomairt taghadh Pàrlamaid na h-Alba is duilgheadasan mòra a' bualadh air CalMac aig an àm.

Loganair

Thuirt an Rùnaire: "Chan urrainn dhomh ach gealltanas a thoirt seachad dhan t-sluagh anns na h-eileanan, nuair a bhios daoine ag innse rudeigin dhomh, nuair a dh'innseas iad dhomh nach eil an t-seirbheis air a bhith math gu leòr, agus tha iad a' cur roghainnean agus fhuasglaidhean air adhart airson cùisean a dhèanamh nas fheàrr, gu bheil mi ag èisteachd.

"Agus gun tèid mi air ais agus gu bheil mi gu bhith a' dol an sàs còmhla ris na h-oifigearan agam airson dèanamh cinnteach gum bi sinn a' freagairt air na h-iarrtasan far a bheil iad sin ann, agus gun dèan sinn oidhirp piseach a thoirt air an t-seirbheis a chionn 's nach eil i air a bhith math gu leòr.

"Tha sin a' bualadh air an dà chuid air na h-aiseagan, agus tha suidheachadh a' leantainn ann an co-cheangal ri Logair cuideachd, far am feum sinn barrachd ceasnachaidh a dhèanamh ann an dha-rìribh", thuirt an Rùnaire.

San iomairt, gheall an SNP gun rachadh maoin ùr aiseig £10m fhoillseachadh taobh a-staigh 20 là nam biodh iad air an taghadh às ùr.

Anns na seachdainean mu dheireadh tha an dà chuid Comhairle nan Eilean Siar agus Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas (SUBIG) air iarraidh gun tèid am maoin ùr sin a chur an sàs cho luath 's a ghabhas.

Dh' iarr SUBIG cuideachd gun rachadh faraidhean aiseig eadar Malaig is Loch Baghasdail a ghearradh 50% airson a' chòrr den t-samhradh mar thoradh air na trioblaidean mòra a th' air a bhith air an t-slighe sin.

Bho thàinig an t-iarrtas sin bhuapa sa Chèitean, bhuail trioblaidean teicnigeach ùra air an Lord of the Isles, ged a tha iad sin a-nise air an cur ceart.

Dhearbh CalMac Diciadain gun robh na trioblaidean air an càradh agus gum biodh an clàr-ama à Malaig a' tilleadh dhan àbhaist Diardaoin., taobh a-muigh

Tha SUBIG am measg na tha a' faireachdainn gu bheil Uibhist a Deas tric air fulang barrachd na eileanan eile nuair a tha duilgheadasan ann le aiseagan.