
Tha an togalach anns a bheil Bùth Bharraigh gu bhith fo shealbh na buidhne fhèin.
Bheir seo gu ceann iomairt a mhair grunn bhliadhnaichean is buidheann na bùtha air a bhith a' strì le Comhairle nan Eilean Siar.
'S e iomairt shòisealta a tha ann am Bùth Barraigh.
Ghabh iad an togalach, far an robh an seann Cho-op ann am Bàgh a' Chaisteil, air màl bhon Chomhairle ann an 2013.
Bha e air a bhith falamh bho 2009.
Dh'èirich connspaid ge-tà, is a' Chomhairle airson an togalach a leagail mar phàirt de leasachadh air Bàgh a' Chaisteil.
Buannachdan
Dh'fheuch Bùth Bharraigh sealbh fhaighinn air an togalach tro Phròiseas Seilbh Goireasan na Coimhearsnachd ann an 2019 ach chaidh an tairgse a dhiùltadh leis a' Chomhairle.
Rinn iad ath-thagradh ge-tà, is a' Chomhairle a-nise air aontachadh an togalach a thoirt dhaibh.
Thuirt a' Chomhairle gu bheil coltas ann gun tigeadh buannachdan a thaobh leasachadh eaconomach, slàinte phoblach, is maith na coimhearsnachd is na h-àrainneachd.
"'S e rathad fada a bha seo is tha sinn 'son taing a thoirt dhan a h-uile duine a thug dhuinn taic", thuirt manaidsear Bùth Bharraigh, Sarah NicIlleathain.
"Chan eil sinn buileach air ar ceann-uidhe a ruighinn ach 's e ceum mòr air adhart a tha seo. Feumaidh sinn a-nise airgead a thogail gus ùrachadh a thoirt air an togalach agus rudeigin sònraichte 'son an eilein gu lèir a chruthachadh.
"'S e faochadh mòr a th' ann agus clach-mhìle a bhith air tighinn cho fada seo", thuirt i.
Dh'innis i gu bheil fadachd air Bùth Bharraigh a bhith ag obair le Comhairle nan Eilean Siar air a' phròiseact is pròiseactan eile bho seo a-mach.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh30 An t-Iuchar 2019

- Air fhoillseachadh26 An Gearran 2016
