Eas-aonta mu làrach Bhùth Bharraigh
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' maoigheadh cùis fhoirmeil a thòiseachadh an aghaidh Bùth Bharraigh - mura gluais iad a-mach às an togalach anns a bheil iad.
Chaidh ceithir seachdainnean a thoirt do stiùirichean na bùthaidh gus plana-gnìomh a dhèanamh - a sheallas gu bheil iad a' gluasad gu aonad anns na Horgh.
Tha am bòrd-stiùiridh a-nis a' sireadh comhairle laghail mun chùis, mar a tha Shona NicDhòmhnaill a-nis ag aithris.