Seirbheis bheat Thiriodh a' soirbheachadh is leasachadh san amharc

Rhoda Meek
LeAndreas Wolff
BBC NaidheachdanAg aithris àTiriodh
  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir Thiriodh ag ràdh gu bheil an t-seirbheis bheat coimhearsnachd aca a' soirbheachadh bho thòisich e is planaichean ann a-nise dachaigh ùr a stèidheachadh.

Chaidh an t-eilean fhàgail às aonais seirbheis bheat an-uiridh nuair a leig an lighiche-sprèidh a bh' ann dhuibh an dreuchd.

Thòisich oidhirp aig ìre na coimhearsnachd gus seirbheis a chur air dòigh dhaibh fhèin agus chaidh a' bhuidheann Cobhair Bheathaichean Thiriodh a stèidheachadh aig deireadh na bliadhna.

Fon mhodail a th' ann - modail ùr ann am Breatainn - 's ann leis a' choimhearsnachd a tha an gnothachas is bheataichean a' tadhal à tìr-mòr agus a' tabhainn taic air-loidhne aig amannan eile.

Thòisich an t-seirbheis ùr sa Ghearran.

Bratach na companaidh

"Tha sinn air a bhith uabhasach fhèin trang," thuirt cathraiche na buidhne, Rhoda Meek.

"Tha àm breith nan uan air a bhith againn agus nan laogh, agus cha robh bheat air a bhith anns an eilean fad sia mìosan is mar sin bha tòrr obrach ann ri dhèanamh.

"Tha 500 coinneamh bheat air a bhith againn bho dh'fhosgail sinn agus tha sin a' sealltainn cho cudromach 's a tha lighiche bheathaichean do dh'àite mar seo."

Mhìnich Rhoda gun robh bheat san eilean fad ceithir seachdainean deug fhad 's a bha àm breith nan uan is nan laogh ann.

Tha iad a-nise air gluasad gu bheat a bhith ann an Tiriodh a h-uile dàrna seachdain is taic air-loidhne an t-seachdain eile.

'S ann mar sin a dh'obraicheas gnothaichean gu deireadh na bliadhna.

"Tha cuideachadh an-còmhnaidh ann air a' fòn agus air bhideo, agus tha daoine againn an seo le comas cuideachadh a thaobh òrdughan-cungaidh ma tha sin a dhìth," thuirt Rhoda.

 Alasdair MacAonghais

Tha Alasdair MacAonghais am measg chroitearan ann an Tiriodh a tha ag ràdh gu bheil e deatamach gu bheil an t-seirbheis ann.

Dh'innis e gun robh feum air obair-lannsa caesarean a dhèanamh air bò leis tro àm breith nan laogh.

"Mura robh seirbheis bheat againn, chan eil mi a' smaointinn gum b' urrainn dhuinn na beathaichean seo a ghlèidheil."

"Bhithinn air laogh a chall is tha teans ann gum bithinn air mart a chall cuideachd."

"Bha am bheat a' dèanamh obair-lannsa an seo is 's e sin an treas no ceathramh fear a rinn e san eilean an là sin fhèin."

Ged a tha an t-seirbheis fhathast òg, tha planaichean leasachaidh ann mar-tha.

Tha sùil aca air togalach far an robh uaireigin cafaidh stèidhichte a ghabhail os làimh is a sgeadachadh mar phractas.

Fhuair iad deagh naidheachd is Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air am pròiseact a chur adhart 'son £340,000 fhaighinn bho Mhaoin Prògram nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba.

Tha dùil ri fios nas fhaide air a' bhliadhna a bheil Cobhair Bheathaichean Thiriodh air soirbheachadh gus an taic seo fhaighinn.

An togalach ann an Tiriodh a tha a' choimhearsnachd airson a chur gu feum mar ionad bheat
Fo-thiotal an deilbh,

An togalach ann an Tiriodh a tha a' choimhearsnachd airson a chur gu feum mar ionad bheat

Tha Rhoda ag ràdh gur e leasachadh fìor mhath a bhiodh ann.

Ged a tha i ag aideachadh gu bheil dùbhlain ann, tha i glè thoilichte le mar a tha a' dol dhan choimhearsnachd gu seo.

"Tha e gu math fhèin cosgail a bhith a' ruith seirbheis mar seo - tha mìltean ga chosg gach seachdain 'son rudeigin mar seo a chumail a' dol."

"Gu ruige seo tha na h-àireamhan a' dol an taobh ceart."

"Chì sinn mar a thèid dhuinn ach tha sinn dòchasach gun obraich seo."