Tiriodh a' faighinn a' chiad ionaid-bheata choimhearsnachd am Breatainn

- Air fhoillseachadh
Tha an iomairt aig muinntir Thiriodh gus ionad-bheataichean a stèidheachadh iad fhèin - a' chiad fhear dè a sheòrsa a bhiodh san Rìoghachd Aonaichte - air ceum mòr a ghabhail.
Tha Animal Care Tiree Limited, a' bhuidheann a chuireadh air chois airson am moladh a thoirt air adhart, a-nis na chompanaidh oifigeil.
Tha an t-eilean air a bhith às aonais lighiche-sprèidh on leig an tè a bh' ann, Anne Stanley, dhith a dreuchd as t-samhradh.
Tha tè de stiùirichean na companaidh, Rhoda Meek, ag ràdh gu bheil sin air a bhith "doirbh don choimhearsnachd gun teagamh sam bith".
Thuirt i: "Bha e comasach dhuinn cuid de na seirbheisean a thoirt a-staigh airson mairt agus sganadh, agus airson chat agus chon tha e air a bhith gu math fhèin doirbh."
Mhìnich i gun robh aig cuid ri siubhal air an aiseag le am peataichean dhan Òban a tha ceithir uairean air falbh.

Ghabh Rhoda Meek ris gu bheil gnothaichean ionmhais rin rèiteachadh fhathast ach thuirt i gu bheil iad misneachail gun tèid leotha
Bha dragh mòr air luchd-còmhnaidh mu chall na seirbheise agus tha iad a-nis ag amas air a ruith iad fhèin fo mhodail-obrach ùr.
Rinn iad aonta le àrd-lighiche-sprèidh agus le dithis bheataichean eile gun tig iad gu cunbhalach dhan eilean, agus gum bi iad cuideachd a' toirt seachad comhairle air ceanglaichean-bhideo neo air a' fòn.
Tha Rhoda Meek ag ràdh gur e an "rud as cudromaiche dhuinne gum bi bheat ann bho mheadhan a' Ghearrain airson àm breith nan laogh agus nan uan".
Tha iad ag amas air gum bi bheata ri fhaighinn san eilean fhèin airson 32 seachdainean sa bhliadhna, agus nach bi iad nas fhaide na seachdain às aonais seirbheis air choireigin.
Oidhirp seirbheis bheat Thiriodh ath-stèidheachadh
- Air fhoillseachadh12 An t-Samhain 2025
Coltas gun caill Tiriodh bheat an eilein
- Air fhoillseachadh18 An t-Iuchar 2025
Ghabh i ris gum bi cosgais mhòr an lùib na tha iad a' dèanamh agus gu bheil iad "a' sireadh maoineachaidh o iomadh àite".
"Tha sinn am beachd seòrsa de bhallrachd a chur air dòigh san eilean fhèin a leigeas do dhaoine a bhith nam buill agus bidh e a' dèanamh cinnteach gu bheil airgead againn a' tighinn a-staigh gu math tric," mhìnich i.
Ghabh i ris nach eil "cinnt a thaobh airgid fhathast", ach gu bheil iad misneachail gun soirbhich leotha.
Thuirt i: "Tha e cudromach gum bi seo againn mar choimhearsnachd. Nì sinn a h-uile rud as urrainn dhuinn seo a chur air a chasan agus a chumail air a chasan."
Tha dùil aca gum fosgail an t-ionad às ùr fon stiùir aca tràth an ath-bhliadhna.