Riaghaltas: "chan obraich aon mhodail maoineachaidh do chraoladh mhion-chànain"

- Air fhoillseachadh
Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach gabh modailean craolaidh mhion-chànanan a làimhseachadh no a mhaoineachadh san aon dòigh.
Bha a' Bhana-mhorair Twycross, Fo-rùnaire a' Chultair, nam Meadhanan agus an Spòrs, a' freagairt cheistean ann an Taigh nam Morairean Diardaoin mu inbhe craoladh na Gàidhlig air thoiseach air ùrachadh Cairt a' BhBC.
Dh'fhaighnich a' Bhana-mhorair NicLeòid bho na Làbaraich dhen riaghaltas a bheil dùil aca dèanamh cinnteach gum faigh craoladh na Gàidhlig maoineachadh a tha cho iomchaidh agus leis an aon ìre de chinnt ri craoladh na Cuimris fon Chairt ùir.
Fhreagair a' Bhana-Mhorair Twycross gu bheil "àite deatamach craoladh na Gàidhlig soilleir dhan riaghaltas."
"Tha ùrachadh a' chairt rìoghail ag amas air a' BhBC a chur air stèidh ionmhasail sheasmhach gus leantainn air le bhith a' lìbhrigeadh luach dhan phoball, a' toirt a-steach tro chraoladh na Gàidhlig," thuirt i.

A Bhana-mhòrair NicLeòid
A' freagairt seo, thog a' Bhana-Mhorair NicLeòid air mar a tha S4C sa Chumrigh air a mhaoineachadh le cead a' BhBC, a' faighinn £22m airson prògraman agus £96m ann an airgead.
Thuirt i nach eil MG Alba a' faighinn airgead bho chead a' BhBC, is dìreach £10m bhon BhBC agus £15m bhon Riaghaltas Albannach a' tighinn thuca.
"Chan eil craoaldh na Gàidhlig ag iarraidh ach co-ionnanachd spèis," thuirt i.

A Bhana-Mhorair Twycross
Thuirt a' Bhana-Mhorair Twycross gu bheil an Riaghaltas "a' beachachadh air na dòighean às fheàrr gus maoineachadh seasmhach a thoirt do chraoladh mhion-chànanan mar phàirt de dh'ùrachadh na Cairte Rìoghail."
Thuirt i gu bheil buidseat MG Alba co-ionnan ri mu £420 gach neach-labhairt Gàidhlig agus gu bheil buidseat S4C co-ionnan ri mu £260 airson gach neach-labhairt na Cuimris.
"Chan eil seo gus lùghdachadh a dhèanamh air cho cudromach 's a tha seo, ach gus sealltainn gu bheil maoineachadh ga chur an sàs."
Thuirt am Morair Gove bho na Tòraidhean gu bheil dleastanas reachdail air a' BhBC gus maoineachadh a chur ri craoladh na Cuimris, ach nach eil airson na Gàidhlig.
A' toirt iomradh air mar a bha dà bhàrd cho cudromach 's a bh' ann san 20mh linn, Somhairle MacGill-Eain agus Iain Crichton Mac a' Ghobhainn, a' bruidhinn a' chànain, dh'fhaighnich e: "An seas an Riaghaltas air cùlaibh luchd-labhairt na Gàidhlig, a tha air uimhir a chur ris a' chultar againn?"

Am Morair Gove
Fhreagair a' Bhana-Mhorair Twycross gun robh i ag aontachadh mu cho cudromach 's a tha luchd-labhairt na Gàidhlig dhan chultar nàiseanta.
Thuirt i ge-tà, nach gabh modailean craolaidh mhion-chànanan a làimhseachadh no a mhaoineachadh san aon dòigh, is i ag ràdh nach eil modail "one size fits all" ann.
Ach dhearbh i a-rithist gu bheil an riaghaltas a' beachdachadh, tro ùrachadh na Cairte, air mar a thèid barrachd cinnt a thoirt do chraoladh na Gàidhlig agus MG Alba.
Thuirt Iain Moireasdan, Cathraiche MG Alba, gu bheil e cudromach gun deach a' chùis a thogail ann an Taigh nam Morairean agus gun robh taic ann bho air feadh nam partaidhean.
"Fhuair a' Bhana-Mhorair NicLeòid a-mach às an riaghaltas gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil feum air argead susbainteach airson telebhisean na Gàidhlig, dha MG Alba agus dhan BhBC, agus tha a h-uile càil dhen sin cudromach," thuirt e.
Thuirt e gun robh na fregairtean a fhuair iad gam fàgail "misneachail", ach gun robh iad a' sealltainn cuideachd gu bheil "obair ri dhèanamh".
"Chan eil sinn a' faicinn ciamar as urrainn £100m a bharrachd a bhith a' dol gu aon chànan Cheilteach os cionn a' chànain eile, agus tha mi smaoineachadh gun deach a' phuing a bha sin a dhèanamh, ged a thill am ministear le àireamhan nach eil sinn buileach a' tuigsinn," thuirt e.
"Rudeigin a tha feum againn uile air 's e taic, cuideachadh, brosnachadh agus cothrom air fàs.
"Agus ma bheir iad dhuinn an taic, tha sinn a' fàs an airgid a tha sin, a' cruthachadh phrògraman, stuth air-loidhne, agus obraichean.
"''S e buannachd a th' ann do Riaghaltas sam bith airgead a chur air cùl na Gàidhlig."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean

- Air fhoillseachadh20 Am Màrt

- Air fhoillseachadh2 Am Màrt
