Cha tèid fear a dh'èignich deugaire dhan phrìosan ri linn tinneas a tha a' cuingealachadh a bheatha

Shaun McKenna le falt ruadh agus deise air, le seacaid dhubh agus lèine ghealTùs an deilbh, Spindrift
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'èignich Shaun McKenna deugaire nuair a bha i na h-aonar ann an teanta

  • Air fhoillseachadh

Cha tèid fear a dh'èignich tè aois 13 aig làrach champachaidh air a' Ghàidhealtachd a chur dhan phrìosan air sgath 's gu bheil tinneas air a tha a' cuingealachadh a bheatha làitheil.

Chaidh Shaun McKenna, 36, cuideachd a dhìteadh airson eucoirean feiseil an aghaidh dithis dheugairean eile.

Chuala an Àrd Chùirt ann an Glaschu gun d'fhuaireas gun robh tinneas Huntington's air ann an 2022.

Thuirt am britheamh, am Morair Arthurson, gun robh gach eucoir airidh air binn-prìosain, ach gur e cùis neò-àbhaisteach a bh'ann agus nach biodh am prìosan freagarrach do neach leis an leithid de thinneas.

Thèid McKenna a chumail ann an dachaigh-cùraim ann an Ceann Rois agus cha bhi e comasach dha falbh às an sin leis fhèin.