Smàladairean dòchasach adhartas a dhèanamh an aghaidh teine fiadhaich

Dh'innis an RSPB gu bheil mu 740 àcaire den tèarmann aca aig Loch a' Ghartain air a losgadh
- Air fhoillseachadh
Tha luchd-smàlaidh ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh adhartais an aghaidh teine fiadhaich ann an sgìre a' Glinne Mhòir ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a th' air a bhith a' gabhail bho Dhiciadain.
Thuirt an Leas-Àrd-Oifigear Jon MacEanraig aig Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gu bheil an aimsir an-diugh sa mhadainn nas fhàbharraiche, le sgòth ìosal, 's i nas fhionnaire agus gun a' ghaoth a bhith cho làidir.
Thuirt e gu bheil iad an dòchas an teine a lagachadh gu mòr an-diugh.
Tha rabhadh ga thoirt don phoball an sgìre a sheachnadh.
Seo agus riochdairean coimhearsnachd ionadail air càineadh a dhèanamh air mar a thuirt an Riaghaltas Diardaoin gun robh an teine fo smachd.
Thuirt cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Dhrochaid Neithich, Sandy McCook, gu bheil an teine fhathast "a' losgadh gu làidir".
Rinn Mgr McCook càineadh air Rùnaire a' Cheartais, Neil Gray, a dh'innis Diardaoin gun robh an teine "fo smachd an-dràsta", mus deach barrachd ghoireasan a chur chun na làraich an ath là.
Bha còrr air 50 smàladair agus dà heileacoptair fhathast a' dèiligeadh ris an teine Dihaoine, 's e air tòiseachadh madainn Diciadain ann am Bealach Ruigh a' Bhothain, deas air Drochaid Neithich.
Ceithir cilemeatair ceàrnagach air a losgadh ann an teine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 22 uair
Iomairt a' leantainn an aghaidh teine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Dh'innis Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gun deach ceithir cilemeatairean ceàrnagach (1.5 mìle cheàrnagach) a losgadh bho Dhiciadain.
Chaidh daoine a thoirt às an dachannan sa Ghleann Mhòr, agus a-mach à làraichean campachaidh san sgìre airson an cuid sàbhailteachd.
Bha naoi carbadan smàlaidh, dà aonad speisealta teine fiadhaich agus comanndairean tactaigeach aig an làraich Dihaoine, a' cleachdadh pumpa làidir airson uisge a tharraing à Loch Mòrlaich.
Chaidh dà heileacoptair a thoirt a-steach cuideachd airson bomaichean uisge a leagail air an teine.

Thuirt cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Dhrochaid Neithich, Sandy McCook: "Tha iad a' dèanamh sàr-obrach, a' dèanamh a h-uile càil as urrainn.
"Ach 's e fhathast dìleag an dreathain duinn sa chuan an taca ri meud an tachartais a th' ann."
"Airson Neil Gray a bhith ag ràdh gu bheil an teine seo fo smachd, 's e sgudal a th' ann. Chan èist iad ri eòlaichean ionadail, geamaireran, gillean seilge, tuathanaich.
"Saoilidh daoine ma tha teine fo smachd gu bheil e cha mhòr seachad.
"Tha e fhathast a' sgapadh, a' losgadh gu làidir, tha beatha agus dachannan dhaoine ann an cunnart mòr. Tha fiadh-bheatha agus cruth na tìre ga sgrios."

Thuirt Sandy McCook nach eil ministearan ag èisteachd ri geamairean is tuathanaich ionadail
Chaidh Mgr McCook cuideachd an aghaidh beachd bho Sheirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba, a thuirt gu bheil "goireasan gu leòr" aca, an dèidh droch theine air Mòinteach an Damhath san Ògmhios an-uiridh.
Bha an teine sin, faisg air Baile nan Granndach agus Farrais, a' gabhail airson ceithir làithean, agus thugadh a' chiad "mheaga-teine" ann am Breatainn air.
"Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad air leasanan ionnsachadh an dèidh Mòinteach an Damhath. Uill, tha mi duilich, ach cha deach na leasanan sin ionnsachadh.
"Cha sheas an seasamh a tha iad a' gabhail gu bheil goireasan gu leòr aca. 'S e heileacoptairean a tha a dhìth."

Dihaoine, dh'innis Neil Gray don BhBC gun robh e air "ceist dhìreach" a chur air an àrd-oifigear smàlaidh, a dhearbh gu bheil cothrom aig an t-seirbheis air na goireasan air a bheil iad feumach.
"Ma tha iarrtasan ann, no nuadhachadh a thaobh a' chunnart a tha a' sìor fhàs bho theintean fiadhaich, gu nàdarra bruidhnid sinn ris an t-seirbheis smàlaidh mu dheidhinn," thuirt e.
"Tha mi moiteil dha-rìribh às mar a fhreagair oifigearan an suidheachadh."
Thuirt Mgr Gray gun robh an t-seirbheis smàlaidh air "obair smachdachaidh nach beag" a dhèanamh agus gun robh iad an dòchas gun tionndaidheadh an aimsir.
"'S e tachartas leantainneach a tha seo, agus tha e a' tachairt thairis air sgìre mheadhanach mòr.
"Tha sinn misneachail mun fhreagairt, agus tha sinn air leth taingeil do na smàladairean, na saor-thoilich ionadail agus chàch."

Dh'innis an RSPB gu bheil mu 300 hectair (740 àcaire) den tèarmann aca aig Loch a' Ghartain, ann an coille Obar Neithich air a losgadh, agus gu bheil sgiobannan fhathast ag obair airson smachd a chur air an teine.
Thuirt a' bhuidheann charthannais gun robh "iomairt mhòr choimhearsnachd" a' dol airson stad a chur air an teine, le geamairean agus luchd-obrach eile bho oighreachdan ionadail.
Tha dragh air a bhith ann mu na dh'èireas do chapaill-choille a chunnacas o chionn ghoirid faisg air far an do thòisich an teine aig Ruigh a' Bhothain.
Tha rabhadh a' leantainn gu Diluain gu bheil fìor chunnart bho theintean fiadhaich air feadh sgìrean de dh'Alba.
Thug an t-seirbheis smàlaidh, cuide ri Fòram Fiadh-bheatha na h-Alba, rabhaidhean seachad airson meadhan na Gàidhealtachd, agus ceann a deas is taobh sear na h-Alba, an dèidh grunn làithean de dh'aimsir theth, thioram.
"Tha sinn airson 's gum meal daoine am blàr-a-muigh gu sàbhailte, ach aig amannan far a bheil fìor chunnart ann gum bi teintean fiadhaich ann, dh'iarramaid air a h-uile duine a bhith ciallach agus gun lasairean sam bith a chleachdadh air a' bhlàr-a-muigh," thuirt Comanndair Sgìreil Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba, Lynne Gow.
"Faodaidh teintean fiadhaidh sgapadh gu luath, mar nach eileas an dùil, agus sgrios mòr a dhèanamh air coimhearsnachdan, fiadh-bheatha agus an àrainneachd.
"Le bhith a' gabhail cheumannan sàbhailteachd sìmplidh, faodaidh a h-uile duine cuideachadh ann a bhith a' seachnadh a leithid san àm ri teachd."