Ceithir cilemeatair ceàrnagach air a losgadh ann an teine sa Mhonadh Ruadh

Sealladh den teine tron oidhche an-raoirTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich an teine goirid ro mheadhan là Diciadain

  • Air fhoillseachadh

Tha còrr air 50 smàladair fhathast a' dèiligeadh ri teine mòr fiadhaich faisg air an Aghaidh Mhòir.

'S e seo an treas là sreath a chèile a tha an teine air a bhith a' gabhail, ann an sgìre a' Ghlinne Mhòir, an dèidh dha tòiseachadh mu 11:50m Diciadain ann am Bealach Ruigh a' Bhothain.

Chaidh heileacoptair a chur gu feum tron oidhche an-raoir airson bomaichean uisge a leagail air na teine.

Thathas a' tomhas gun deach còrr air ceithir cilemeatair ceàrnagach de dh'fhearann a losgadh.

Tha sin an coimeas ri còrr air 118,000 cilemeatair ceàrnagach a chaidh a losgadh anns an teine mhòr a bh' air Mòinteach an Damh-Àth an-uiridh.

Chan fhaod am poball a dhol dhan Ghleann Mhòr an-dràsta, no gu Loch Mòrlaich, fhad 's a tha an t-seirbheis smàlaidh a' dèiligeadh ris an teine.

Tha naoi carbadan smàlaidh an làthair, a thuilleadh air dà aonad sònraichte fiadh-bheatha.

Tha dragh mun bhuaidh a bheir an teine air fiadh-bheatha san sgìre, capaill-choille nam measg.

Tha sgiobannan a' cleachdadh pumpa chumhachdaich airson mòran uisge a thoirt à Loch Mòrlaich airson na h-iomairt, agus feadhainn aig a bheil fearann san sgìre ag obair còmhla ri Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba airson brisidhean teine a chruthachadh a chuireas stad air an teine.

"'S e fhathast tachartas iom-fhillte agus leantainneach a tha seo, sa bheil goireasan nach beag an sàs bho air feadh Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba agus nam buidhnean compàirteachais againn," thuirt Comanndair Sgìreil na seirbheis, Lynne Gow.

"'S e ar prìomhachas fhathast a bhith a' cur dìon air coimhearsnachdan, dachannan agus an àrainneachd agus sinn a' cumail oirnn ag obair airson an tachartas seo a thoirt fo smachd."