Naidheachdan 10:00m

Burnham

Ann am beagan uairean a thìde thèid Andy Burnham ainmeachadh mar cheannard ùr a' Phàrtaidh Làbaraich. Tha dùil gun can Mgr Burnham ann an òraid shònraichte gun till an riaghaltas aige cumhachd gu na coimhearsnachdan. Thèid am Ball-pàrlamaid airson Makerfield a dhearbhadh mar Phrìomhaire nuair a choinnicheas e ris an Rìgh aig Lùchairt Bhuckingham Diluain.

Teine

Tha heileacoptair air a bhith a' cuideachadh san iomairt gus smachd fhaighinn air teine mòintich a th' air a bhith a' losgadh ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh bho Dhiciadain. Tha an t-seirbheis smàlaidh ag ràdh gu bheil iad air stad a chur air an teine bho a bhith a' sgapadh, ach tha naoi carabadan smàlaidh fhathast aig an làraich agus tha cuid de ghnothachasan agus rathaidean a' Ghlinne Mhòir fhathast dùinte.

Aillse

Thuirt luchd-rannsachaidh gu bheil leigheas ùr airson aillse prostate a cheart cho èifeachdach ri obair-lannsa no radiotherapy, ged nach eil uimhir de bhuaidh aige air euslaintich. Tha Focal a' cleachdadh teas no fuachd gus ceallan aillse a mharbhadh. Tha am buidheann carthannais, Prostate Cancer UK, a-nis ag iarraidh gun tèid a dhèanamh nas fhasa do dhaoine an leigheas fhaighinn.

Iran

Chaidh fireannach aois 39 a chur an grèim fo chasaid gun robh e a' cuideachadh seirbheisean brathaidh Iran. Chaidh Vahid Aberi à Liverpool a chur an grèim ann am Birmingham Diciadain às dèidh rannsachaidh a chaidh a dhèanamh le poilis ceannairc. Tha dùil gun nochd e ann an cùirt nam maighstirean lagha ann an Westminster an-diugh fhathast.

Trump

Chuir an Ceann-suidhe Trump às leth Siona gun do dh'fheuch iad ri buaidh a thoirt air Taghaidhean nan Stàitean Aonaichte ann am 2020. Tha an ceann-suidhe air a bhith a' toirt slaic bho chionn fhada air tèarainteachd an taghaidh sin - far an do chaill e ri Joe Biden. Tha e cuideachd a' fagail air seirbhisean tèarainteachd nan Stàitean Aonaichte gun deach fiosrachadh mu na bha Sìona a' dèanamh a chleith.

Peairt

Thuirt oifigearan poilis ann am Peairt gu bheil iad den bheachd gun deach teine ann an seann togalach factaraidh anns a' bhaile a lasadh an aona-ghnothaich. Chaidh luchd- smàlaidh an gairm chun teine aig ionad giollachd-bidhe ABP goirid às dèidh 12:00m. Chaidh aca air smachd fhaighinn air an teine mu 07:00m, agus tha sgrùdadh a-nis air toiseachadh.