Binn prìosain 17 bliadhna air fear a bha ri droch-dhìol feiseil air Ghàidhealtachd

Chaidh binn air Ryan Colquhoun aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann
- Air fhoillseachadh
Chaidh fear a bha ri droch-dhìol air a' Ghàidhealtachd airson còrr is 10 bliadhna a chur dhan phrìosan airson 17 bliadhna.
Dh'aidich Ryan Colquhoun, 31, agus a bha roimhe a' fuireach ann Baile a' Chaisteil ann an Gallaibh, gun robh e ciontach de 10 casaidean mus do thòisich a' chùis-lagha.
Bha èigneachadh, ionnsaigh fheiseil agus dol a-mach mì-iomchaidh nam measg.
Aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann, thuirt am Morair Young gun robh a h-uile duine a dh'fhulaing ri linn so-leònta agus gun deach am fàgail le lotan saic-eòlach.
Rinn Colquhoun droch-dhìol airson a' chiad uair air nighean a bha na b' òige na e fhèin eadar 2006 agus 2008.
Thug e an uairsin ionnsaighean eile oirre.
Dh'èignich e an uairsin nighean eile mus tug e ionnsaigh fheiseil air deugaire ann an 2012.
An dèidh sin, dh'èignich e an ceathramh tè dà thuras agus thug e ionnsaigh dhrabasta air balach òg.
Cha robh e "na bhalach òg sona"
Chuala a' chùirt gu bheil e nas dualtaiche nan àbhaist a bhith ri tuilleadh eucoir.
A rèir ùghdar aithisg air Colquhoun, tha e duilich airson na rinn e agus chuir am britheamh ìmpidh air a h-uile cothrom ath-ghnàthachaidh a b' urrainn dha a ghabhail.
Thuirt am Morair Young gun robh an aithisg a' cumail a-mach gur dòcha gum faca Colquhoun ìomhaighean feiseil aig aois fìor òg.
Chaidh a chur air clàr nan drabastairan agus chan fhaod e fios a chur no feuchainn ri fios a chur air an fheadhainn air an tug e ionnsaigh.
Thuirt am britheamh cuideachd gum bu chòir sùil a bhith air a chumail air Colquhoun sa choimhearsnachd airson còig bliadhna an dèidh dha a bhith air a shaoradh.
Thuirt am fear-dìon aig Colquhoun Tony Lenehan KC gun do sheall aithisgean nach b' e "balach òg sona" a bh' ann bho bha e gu math òg agus gum faca e "gnothaichean feiseil" aig aois òg.