Naidheachdan 11:00m
Prìs an dealain
Bidh àrdachadh ann am prìs dealain agus gas bhon Dàmhair am-bliadhna. Dh'innis an riaghladair Ofgem gum bi an cuibhreachadh ann an Alba, Sasainn agus sa Chuimrigh a' dol suas 4% a' cur mu £60 sa bhliadhna ri cunntas dachaigh sa chumantas.
Gràisg eucoireach
Chaidh fear de na h-eucoirich as ainmeile an Alba, Steven 'Bonzo' Daniel, a chur an greim sa mhadainn an-diugh aig a dhachaigh ann an ceann a tuath Ghlaschu. Tha e coltach gur esan ceannard na gràisg teaghlaich Daniel a tha air a bhith ri fòirneart ri gràisgean eile fad 25 bliadhna. Chaidh a chur an greim mar phàirt de dh'iomairt Eòrpach, Operation Venetic, an aghaidh bhuidhnean eucoir.
Dolly Parton
Tha mòran ann an saoghal a' chiùil am measg na tha a' dèanamh luaidh air Dolly Parton a chaochail an dèidh ùine ghoirid a' fulang le aillse. Bha i 80 bliadhna de dh'aois. Choisinn i cliù mòr air feadh an t-saoghail mar sheinneadair agus sgrìobhadair ann an ceòl dùthchail nan Stàitean Aonaichte agus tha brataich air feadh Aimeireagaidh aig leth-chrann mar urram dhi.
Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Tha pàrantan ag iarraidh air Comhairle Bhaile Ghlaschu beachdachadh a- rithist air co-dhùnadh gun leasachadh a dhèanamh air toglach Àrd-Sgoil Ghàidhlig a' bhaile. Tha pàrantan a' ceasnachadh a cho-dhùnaidh sin an dèidh sgrùdadh sa Mhàrt am-bliadhna a thuirt gu bheil a' mhòr-chuid de ghoireasan na sgoile "truagh" agus cuid dhiubh "dona". Thuirt Comhairle Bhaile Ghlaschu gun tèid aca air dèiligeadh gu furasta ris an àireamh chloinne a bhios anns an sgoil.
Locarbaidh
Chaochail Libianach a fhuaireas neo-chiontach bho chionn còrr 's 25 bliadhna gur e a rinn spreadhadh Locarbaidh. Bha Al Amin Khalifah Fhimah 70 bliadhna de dh'aois. Chaidh a shaoradh aig cùirt Albannach san Òlaind ann an 2001 fo chasaid gur e a mhurt 270 ann an itealan Pan Am 103 san Dùbhlachd ann an 1988.
Lagh Stacy
Tha luchd-iomairt ag iarraidh teicneòlas a chleachdadh nas trice airson sgeul a chumail air feadhainn a dh'fhaodadh cron a dhèanamh, an dèidh bàs boireannaich ann an Siorrachd Rinn Friù air a' mhìos seo chaidh. Tha ath-chuinge air-loidhne ag iarraidh Lagh Stacy mar chuimhne air Stacy Hunter. Chaidh ise a mharbhadh nuair a thug an duine aice, bho robh i dealaichte, ionnsaigh oirre aig a dachaigh ann an Houston nuair a bha esan mu sgaoil air urras.