CnES ag iarraidh maoineachadh riaghaltais nas cothromaiche

Fireannach le falt dubh a tha a' liathadh, le seacaid dhubh air na sheasamh air cladach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha ceannard Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh siostam maoineachaidh a fhreagras nas fhèarr air feumalachdan na sgìre

  • Air fhoillseachadh

Dh'iarr Ceannard Comhairle nan Eilean Siar gealltannas bho Riaghaltas na h-Alba gum faigh iad maoineachadh aig an ath-bhuidseat a rèir nan dùbhlan sònraichte a th' aig an sgìre.

Ann an litir gu Rùnaire an Ionmhais is an Riaghaltais Ionadail, Jenny Gilruth, thuirt Pòl Steele gu bheil iad taiceil ri Modail an Ùghdarrais Shingilte (SAM) fom biodh buidhnean poblach air an cur còmhla gus seirbheisean a ruith ann an dòigh nas èifeachdaiche.

Ge-tà, tha Mgr Steele ag ràdh gum feum am fòcas a-nis a bhith air mar a thèid an roinn phoblach sna h-eileanan a mhaoineachadh, agus e a' cumail a-mach "gun tàinig lùghdachadh 17% air buidseat Comhairle nan Eilean Siar" sna dusan bliadhna a dh'fhalbh.

Thuirt e gun do chailleadh 200 dreuchd san ùghdarras ionadail san ùine sin - mu 10% den luchd-obrach.

Tha Mgr Steele a' gabhail ris gur e dùbhlan a th' ann foirmle maoineachaidh fhaighinn a riaraicheas na 32 comhairlean an Alba, ach thuirt e gum feum an siostam a th' ann a bhith nas sùbailte.

Thuirt e: "Airson co-ionnanachd agus cothromachd a bhith ann, feumar barrachd spèis a thoirt do na feumalachdan sònraichte aig gach sgìre.

"Feumaidh sinn fuasglaidhean sònraichte dhuinn fhèin agus maoineachadh sònraichte gus an tèid againn air seirbheisean poblach aig àrd-ìre a chumail a' dol."