Dh'fheuch duine ri fear gun dachaigh a mhurt is e na chadal air an t-sràid an Inbhir Nis

Chaidh binn prìosain air Campbell Brett aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann
- Air fhoillseachadh
Chaidh binn còrr is naoi bliadhna sa phrìosan air fireannach a dh'fheuch ri duine gun dachaigh a mhurt ann an ionnsaigh gun chomain.
Bhuail Campbell Brett, 24, Gordon Skillen le bata ball-beusa nuair a bha e na chadal le fir eile taobh a-muigh bùth Tesco air Sràid Thom na h-Iùbhraich ann an Inbhir Nis san Iuchar.
A' toirt seachad na binne aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann, thuirt am britheamh gun robh na rinn Brett "gu tur gun diù", agus nach robh adhbhar ann airson na h-ionnsaigh.
Thuirt am Morair Ghosh nach robh fianais ann gun do dh'iarr Brett air daoine taic a thoirt dhan fhireannach a leòn e.
Thuirt am britheamh gum biodh e air beachdachadh air Brett a chur dhan phrìosan airson 14 bliadhna mura b' e gun do dh'aidich e ris an eucoir.
Chuir e binn naoi bliadhna agus ceithir mìosan air.
Dh'òrdaich am britheamh gum bi Brett fo sgrùdadh airson trì bliadhna a bharrachd an dèidh dha a bhith air a shaoradh agus gun tèid a chur air ais dhan phrìosan ma bhriseas e riaghailtean a' chead aige.
"Bu mhi a bh' ann"
Bha Brett air aideachadh roimhe gun tug e ionnsaigh air Mgr Skillen, 45, ga fhàgail air fhìor dhroch leòn le làraichean air airson a' chòrr de a bheatha, agus gun do dh'fheuch e ri a mhurt.
Chuala a' chùirt gun robh Brett air a bhith ag òl mus tug e an ionnsaigh an uairean beaga na maidne an 13mh den Iuchar.
Choisich Brett air falbh agus nuair a thill e dh'fhaighnich e an robh Mgr Skillen "marbh fhathast".
Chaidh na poilis a ghairm a-mach agus thuirt e ri oifigearan: "Bu mhi a bh' ann. 'S mise a rinn e."
Ann an agallamh leig e fhaicinn gun do chuir rudeigin a thuirt Mgr Skillin na bu thràithe mu dheidhinn cais air.
Chaidh Mgr Skillin fhìor dhroch leòn mun chlaigeann agus mun aodann, agus bha fuil air eanchainn.
Dh'fheumadh e tòrr mòr obrach-lannsa agus chaidh a chur ann an còma.
Chuala a' chùirt nach tèid aige air bruidhinn an-diugh ach ann an seantansan goirid agus nach eil faireachainn aige air taobh clì a bhodhaige.
Thuirt an neach-dìon aig Brett, Lisa Gillespie KC, gun robh aithreachas air airson na rinn e, agus gun do dh'aithnich e gun do rinn e cron mòr air an neach-fhulaing.
Thuirt i gun do dh'fhuiling Brett droch-dhìol na phàiste a' fàs suas.
Thuirt an neach-lagha gun robh e a-nis ann an càirdeas agus dùil aige pòsadh.