Ionnsachadh na Gàidhlig: "Tha e cho cudromach gum faic iad gur e rud àbhaisteach a th' ann"

Bhuineadh athair Ally NicChoinnich do Leòdhas, ach cha d' fhuair i an cànan na h-òige
- Air fhoillseachadh
Thàinig luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig diofar ìrean còmhla air taobh siar Leòdhais an t-seachdain seo airson clasaichean agus cothroman an cànan a chleachdadh sa choimhearsnachd.
Seo an treas bliadhna sreath a chèile a chaidh Sgoil an Fhoghair a chumail aig Ionad Ghrinneabhat ann am Bràdhagair.
Gheibh na daoine a bhios a' dol ann còig làithean de bhùithean-obrach agus clasaichean sa chànan.
Chaidh an tachartas a chur air dòigh le UHI, Bòrd na Gàidhlig agus Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair is Àrnoil, le taic bho Phlana Gàidhlig Iar-thuath Leòdhais.
"Tha mu 15 oileanaich againn agus tha iad ann an seo fad na seachdain," thuirt Peigi Ann Shields, a tha na h-oifigear Gàidhlig agus coimhearsnachd aig Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair is Àrnoil.
"Tha feadhainn a' fuireach còmhla rinn agus feadhainn eile a' fuireach faisg air làimh, agus tha iad a' dèanamh chlasaichean Gàidhlig agus cuideachd a' coinneachadh ri daoine anns a' choimhearsnachd 's a' faighinn eòlas agus sgilean bho na daoine sin."

Tha Peigi Ann Shields ag ràdh gu bheil an fhèis cudromach do luchd-ionnsachaidh nach cluinn a' Ghàidhlig timcheall orra tric
Bha measgachadh de dh'oileanaich ann am-bliadhna, le diofar chomasan cànain - cuid dhiubh à dùthchannan leithid Chanada, Aimeireaga, Astràilia agus an Ruis.
Ach bha feadhainn eile ann le ceanglaichean Leòdhasach, a th' air a' Ghàidhlig ionnsachadh.
Nam measg sin bha Ally NicChoinnich à Lancaster ann an Sasainn.
"Tha mi air a bhith ag ionnsachadh o chionn trì bliadhna a-nis," thuirt i.
"'S ann à Liùrbost a bha m' athair agus mo sheanmhair, agus bhruidhneadh mo sheanmhair rium beagan fhaclan agus abairtean anns a' Ghàidhlig nuair a bha mi òg.
"Ach cha do bhruidhinn m' athair rium idir idir. Sin mar a tha mi ag ionnsachadh a-nis.
"'S e an rud as fheàrr air mo shon na cothroman a bhith ag èisteachd agus a' bruidhinn ri daoine anns a' choimhearsnachd.
"Bha a h-uile duine cho càirdeil agus cho foighidinneach nuair a bha mi a' bruidhinn riutha."
Chan eil Ally na h-aonar ann a bhith ag ionnsachadh a' chànain ann an Lancaster.
Café Grinneabhat gus dùnadh: "Co-dhùnadh fìor dhuilich a bh' ann"
- Air fhoillseachadh28 An Giblean 2025
Ceòlas: Barrachd oileanach Gàidhlig agus goireas ùr Cnoc Soilleir
- Air fhoillseachadh7 An t-Iuchar
"Tha triùir ann an Lancaster ag ionnsachadh Gàidhlig, so tha sinn a' coinneachadh uaireannan agus a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig, agus tha ceathrar ann am Macclesfield, faisg air Lancaster - so tha seachdnar ann a tha ag ionnsachadh Gàidhlig."
Bha Dùghlas Moireasdan coltach ri Ally. Ged is ann à Dùn Èideann a tha e bho thùs, thogadh athair ann an Ùig agus bha a' Ghàidhlig aige gu fileanta.
Cha robh cothrom aig Dùghlas an cànan ionnsachadh nuair a bha e òg ge-tà, leis nach robh i aig a mhàthair.
"Lùig mi Gàidhlig ionnsachadh nuair a bha mi nam fhicheadan, nuair a bha mi nam fho-dhotair," thuirt e.
"Ach gu mì-fhortanach bha mi ro thrang aig an àm sin.
"Agus cha robh goireasan ann mar a tha san là an-diugh.
"Mar sin thòisich mi anns an Eaglais Bhric ann an clasaichean oidhche air Gàidhlig ionnsachadh deich bliadhna air ais."

Tha Dùghlas Moireasdan, à Dùn Èideann, toilichte a bhith air ais ann an dùthaich a shinnsearan
'S e a bhith air fòd a shinnsear, 's a' faighinn Gàidhlig an eilein as motha a tha a' tàladh Dhùghlais dhan fhèis.
"Tha mi toilichte a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig ann an Leòdhas, a' cleachdadh fhaclan Leòdhasach agus blas Leòdhasaich. Tha mi cho toilichte a bhith an seo ann an Leòdhas."
Tha an t-seachdain seo air cothrom a thoirt do dhaoine bho dhiofar chultaran tighinn còmhla agus a' Ghàidhlig a chleachdadh gu làitheil, cothrom nach eil aig cuid dhiubh glè thric.
Thathas an dòchas gun cùm an fhèis a' dol sna bliadhnaichean ri teachd.
"Tha e cho cudromach gu bheil iad an seo fad seachdain agus gu bheil iad a' coinneachadh ri daoine às a' choimhearsnachd againn fhìn agus an cànan làitheil, an cànan àbhaisteach aca, 's e a' Ghàidhlig a th' ann," thuirt Peigi Ann.
"Agus tha sin gu math eadar-dhealaichte 'son feadhainn aca a tha dìreach air a bhith ag ionnsachadh 's dòcha uair a thìde san t-seachdain - tha e cho cudromach dhaibh faicinn gur e cànan na coimhearsnachd againne, gur e Gàidhlig a th' ann.
"Gur e rud àbhaisteach a th' ann, agus gu bheil gu leòr anns a' choimhearsnachd fhathast a' cleachdadh Gàidhlig a h-uile là anns na dachaighean aca."