Naidheachdan 11:00m

MI5

Cha tèid buidheann faire na dùthcha, MI5, fo chasaidean mu dhìmeas cùirte an dèidh aideachadh gun do dh'innis oifigich breugan do thrì chùirtean eadar-dhealaichte. Thàinig àrd-bhritheamhan gu co-dhùnadh gum biodh a' chùis ro thoinnte, ach gum faodadh rannsachadh poilis a bhith ann mu na h-oifigich fa leth.

Aonta Bhrexit

Thàinig an Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach gu dreach aonta airson cur às do sgrùdaidhean an dèidh Brexit air stuthan bìdh agus àiteachais. Chaidh teacsa an aonta a chur gu dùthchannan an EU airson beachdachadh air. Thuirt am buidheann coiteachaidh, Seòmraichean-malairt Bhreatainn, gu bheil cothrom anns an aonta cosgaisean a ghearradh agus an eaconamaidh a bhrosnachadh.

Cogadh na h-Ucràin

Thuirt Ceann-suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, gun tug an Ruis ionnsaigh mhòr air an dùthaich a-raoir le faisg air 300 dròn agus urchairean eile. Thuirt e gun robh a' mhòr-chuid dhiubh sin ag amas air bun-structar cumhachd, agus tha aithrisean ann gu bheil an dealan dheth ann am mòran sgìrean anns an Ucràin.

Taghaidhean nan Stàitean Aonaichte

Tha taghaidhean meadhan-teirm nan Stàitean Aonaichte ann an-diugh, anns a bheil an Ceann-suidhe Trump a' feuchainn ri smachd a chumail air an dà thaigh anns a' Chòmhdhail. Tha na cunntais bheachd air a bhith a' dol an aghaidh a' Chinn-suidhe anns na beagan mhìosan mu dheireadh, le dragh air luchd-bhòtaidh mu chosgaisean bith-beò.

Virgin Media

Dh'innis am buidheann conaltraidh Virgin Media O2 gun geàrr iad cosnaidhean airson £800m gach bliadhna a shàbhaladh ro 2029. Tha mu 16,000 duine ag obair aig a' bhuidhinn, agus dh'fhaodadh na gearraidhean buaidh a thoirt air a' cheathramh cuid dhiubh sin.

NEET

Bha earrann beagan nas lugha de dh'òigridh na h-Alba an-uiridh, eadar 16 is 19, nach robh ann am foghlam, trèanadh no an obair an Alba. Tha sin a rèir Skills Development Scotland, a thuirt gun do thuit an àireamh gu 3.7% bho 3.9%. Tha sin a' ciallachadh gu bheil mu 8,500 duine òg an Alba nach eil ag obair no ann am foghlam, agus tha mu 6,000 eile air nach eil fios le cinnt dè tha iad a' dèanamh.