Misneachd gu leòr aig Duaisean Litreachais na Gàidhlig

Fhuair Tawana Maramba duais airson Anesu agus na Creutairean Uisge, a' chiad leabhar a sgrìobh i
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Leabhraichean ag ràdh gu bheil iad air am misneachadh gu mòr mu litreachas na Gàidhlig is na duaisean bliadhnail aca air a bhith ann oidhche Mhàirt.
Chaidh farsaingeachd de dhuaisean a thoirt seachad aig a' chuirm ann an Taigh-cluiche Cottiers ann an Glaschu.
Bha barrachd leabhraichean cloinne ann na riamh roimhe agus dà fharpais fa-leth 'son a' chiad turas eadar leabhraichean do phàistean eadar 0-7 agus do chloinn nas sine.
'S i Mòrag Anna NicNèill a fhuair an duais airson an Leabhar as Fheàrr do Chloinn Aois 8+ airson Èiginn Ùisdein.
Chaidh duais an Leabhar as Fheàrr do Chloinn Aois 0-7 gu Tawana Maramba, airson Anesu agus na Creutairean Uisge - a' chiad leabhar a sgrìobh i riamh.
Sgeul nan Afro-Ghàidheal ga innse an leabhar ùr Gàidhlig do chloinn
- Air fhoillseachadh30 An Dàmhair 2025
Tha an sgeulachd stèidhichte air nighean òg à Zimbabwe a tha a' dol a-steach gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
"Bha sinn ag iarraidh sgeulachd a sgrìobhadh a bha mu dheidhinn measgachadh de chultaran - tha sin gu math coltach ris an sgeulachd a th' agamsa," thuirt Tawana.
"Rugadh mi ann an Dùn Èideann is bha mi ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ach 's ann à Zimbabwe a tha mo theaghlach,
"Tha an sgeulachd aig Anesu gu math coltach ris an sgeulachd agam fhèin is bha mi dìreach ag iarraidh seòrsa de litir gaoil a sgrìobhadh gu sgeulachdan mar sin".

Na còig leabhraichean a shoirbhich oidhche Mhàirt
A thaobh nan duaisean eile, bhuannaich Seonag Monk Duais Chomann Gàidhealach Lunnainn airson an leabhair fhicsein as fheàrr leis an leabhar aice Dealan-Dè.
Chaidh Duais Dhòmhnaill Meek airson leabhair neo-fhicsein a bhuileachadh air Iain Mac an Tàilleir airson an leabhair aige Bho Pheairt gu Hiort.
'S e Iain Urchardan a bha soirbheachail ann an Duais Ruaraidh MhicThòmais airson an leabhair bhàrdachd aige Ceum.
Fhuair Màrtainn Mac an t-Saoir duais an Làmh-sgrìobhainn as Fheàrr do dh'Inbhich, leis an leabhar aige Puskás am Pailteas aig Hearts.
Agus 's ann do Chairistiona Stone a chaidh an duais airson an Làmh-Sgrìobhainn as Fheàrr do Chloinn/Òigridh, le Gog-gàg Thuirt an t-Each.
"Tha barrachd is barrachd leabhraichean ùra a' tighinn troimhe"
- Air fhoillseachadh3 Am Màrt
Duaisean Litreachais 2026: 'Barrachd leabhraichean cloinne na riamh roimhe'
- Air fhoillseachadh3 An Lùnastal
Bha Stiùiriche Comhairle nan Leabhraichean, Alison Laing, air a dòigh leis na bh' ann de dh'fharpais airson nan duaisean am-bliadhna.
"Cuid de leabhraichean le sgrìobhadairean ùra, cuid de leabhraichean le foillsichearan ùra no le foillsichearan a tha ùr dhan Ghàidhlig ach 's dòcha a bha a' foillseachadh ann an cànanan eile," thuirt i.
"Mar sin tha mi air mo bhrosnachadh gu mòr le cho fallain 's a bha na raointean do leabhraichean cloinne gu sònraichte.
"Ach anns na raointean eile cuideachd bha fìor dheagh mheasgachadh de leabhraichean de dhiofar sheòrsaichean ann."
Thuirt Alison gu bheil gach neach a tha a' leughadh no a' ceannach leabhar Gàidhlig a' dèanamh feum.
Is a dh'aindeoin diofar dhùbhlan dha litreachas san fharsaingeachd, a thuilleadh air saoghal na Gàidhlig, tha i misneachail mun àm ri teachd.
"Chan eil là nan leabhraichean seachad, is cha bhi fhad 's a tha sinn fhathast a' dèanamh oidhirp airson sgrìobhadh agus foillseachadh a bhrosnachadh".