Deuchainnean mara an MV Loch Indaal air tòiseachadh

An MV Loch Indaal anns an uisge san Tuirc far an deach a cur air bhogTùs an deilbh, CMAL/Brian Fulton
  • Air fhoillseachadh

Tha an MV Loch Indaal air tòiseachadh air na deuchainnean mara aice san Tuirc.

Chaidh an MV Loch Indaal a chur air bhog anns an Tuirc san Ògmhios an-uiridh.

Seo an dàrna tè de shoitheachan ùra Chaledonian Mac a' Bhriuthain a bhios a' frithealadh Ìle.

Bha dùil gun tòisicheadh na deuchainnean anns a' Chèitean.

Ach dh'innis riochdaire CMAL, leis am bi am bàta air a'cheann-thall, gun robh droch shìde air maill a chur air gnothaichean aig gàrradh Cemre san Tuirc.

Thuirt iad gun robh an aimsir sin a' ciallachadh gun robh aig a' bhàta barrachd ùine a chur seachad ann an doc tioram na bhathar an dùil ach gu bheil na deuchainnean mara air tòiseachadh.

Obair càraidh

Aig a' cheart àm, bidh a' chiad shoitheach a chaidh a thogail do sheirbheisean Ìle san Tuirc, an MV Isle of Islay, a-mach à seirbheis fad cola-deug air an ath-mhìos airson obair càraidh.

Tha trioblaid ann an-dràsta leis an rampa aig toiseach a' bhàta.

Bidh luchd-obrach às an Tuirc an làthair airson sin agus trioblaidean eile a tha air nochdadh a chàradh.

Thuirt neach-labhairt ChalMac gun robh obair den t-seòrsa seo a tha fo bharantas "àbhaisteach" agus gum biodh an MV Finlaggan agus an MV Isle of Arran a' cumail sheirbheisean ris an eilean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo