Naidheachdan 10:00m

Beul Feirste

Chaidh sia daoine deug a chur an greim an co-cheangal ri buaireadh ann am Beul Feairste a-raoir. Bha dol a-mach ann son an dara oidhche an sreath a chèile, às dèidh na h-ionnsaigh sgèine a bh' ann Diluain. Bha na poilis air gunnaichean mòra uisge a chleachdadh agus iadsan a bha ri aimhreit air briogaichean agus bombaichean peatrail a thilgeil agus iad ag amas air oifigearan. Chaidh dithis oifigear deug a ghoirteachadh.

Poileas Alba

Aig a' cheart àm, tha oifigearan bho Phoileas Alba gu bhith a' dèanamh air Beul Feairste gus taic a thoirt do na poilis an sin. Thuirt Rùnaire Èirinn a Tuath, Hilary Benn, gu bheil Seirbheis Poileas Èirinn a Tuath air iarrtas a dhèanamh airson taic bho fheachd poileas eile. Thuirt Poileas Alba gun cuir iad taic ri Seirbheis Poileas Èirinn a Tuath, ach gu bheil aca ri meòrachadh air an t-suidheachadh aca fhèin gus dèanamh cinnteach nach toir e buaidh air suidheachadh nam poileas an seo an Alba.

An Ear-Mheadhanach

Chaidh triùir mharaichean às na h-Innseachan a mharbhadh ann an ionnsaigh adhair Aimeireaganach air tancair far chosta Oman. Thuirt na Stàitean Aonaichte gun robh iad air ionnsaigh a thoirt air an t-soitheach tàilleabh nach do ghabh i ri na chaidh iarraidh oirre a dhèanamh agus leis gun robh i a' giùlain ola bho Ioran.

Coimisean nan Cunntasan

Tha Coimisean nan Cunntasan air rabhadh a thoirt seachad gu bheil ùghdarrasan ionadail na h-Alba a' strì fhathast feuch seirbheisean a lìbhrigeadh. Sin a dh' aindeoin agus gun deach an tuilleadh maoineachaidh a thoirt dhaibh. Tha dùil ri beàrn de leth billean not aca uileag am-bliadhna - agus thuirt Coimisean nan Cunntasan gum feumar cruth-atharrachadh a thoirt air seirbheisean no cur às do chuid. Thuirt Rùnaire Ath-Leasachadh nan Seirbheisean Poblach, Ivan McKee, nach leigeadh a leas gearraidhean a dhèanamh nan rachadh cur às do chaitheamh a th' anns an t-siostam.

Ùghdarras Singilte Eileanach

Aig a' cheart àm, thuirt Ivan McKee cuideachd gu bheil e a' cur taic ann am prionnsabal ri Ùghdarras Singilte Eileanach, ma 's e sin bu mhiann le Comhairle nan Eilean Siar. Thuirt e gum biodh buannachd ann le seirbheisean poblach air an lìbhrigeadh leis an aona bhuidhean - gu seachd àraid anns na h-àitichean far a bheil cion luchd-obrach na dhuilgheadas. Thuirt e ge-tà gu feumte fhaighinn ceart.

Rùnaire na Còmhdhail

Tha Rùnaire ùr na Còmhdhaill air gealltainn gun tèid adhartas a dhèanamh air na chuala e an Uibhist an-dè mu na duilgheadasan a th' ann le seirbheisean aiseig agus seirbheisean adhair. Bha Stephen Flynn air coinneachadh ri comhairlichean, gnothachasan agus riochdairean coimhearsnachd à Uibhist is Barraigh ann an Dalabrog an-dè. Thuirt e gum bu chòir dha a bhith comasach do dhaoine bhith ris am beatha làitheil le cinnt mu sheirbheisean còmhdhail agus nach eil iad a' sireadh cus le sin.