Cupa na Cruinne 2026: dè tha romhainn?

Tòisichidh Cupa na Cruinne 2026 ann am Meagsago
- Air fhoillseachadh
Tòisichidh an 23mh farpais de Chupa na Cruinne ann an Aimeireagaidh a Tuath a-màireach, nuair a thèid Meagsago an aghaidh Afraga a Deas aig an Estadio Azteco.
Às dèidh sin, thèid 103 geama eile a chluich thairis air còrr air còig seachdainean mar phàirt den fharpais as motha, as fharsainge agus as fhaide ann an eachdraidh Cupa na Cruinne.
Tha 40 bliadhna ann bho bha an farpais as motha ann am ball-coise air an t-saoghal mu dheireadh ann am Meagsago. Tha 32 bliadhna air a dhol seachad bho bha e anns na Stàitean Aonaichte ann an 1994.
Tha gu leòr air atharrachadh bhon uairsin.
Ciamar a dh' obraicheas an fharpais
Tha àrdachadh air tighinn air an àireimh de dhùthchannan a tha an sàs san fharpais seo, suas gu 48 an coimeas ri 32 bho chionn ceithir bliadhna. Uile gu lèir, thèid 104 geama a chluich thairis air trì dùthchannan: Na Stàitean Aonaichte, Canada agus Meagsago.
Tha sia bailtean deug gan cleachdadh airson nan geamannan. Aon deug anns na Stàitean, trì ann am Meagsago, agus dhà ann an Canada.
Mairidh an fharpais 39 là uile gu lèir - suas bho 29 ann an Qatar ann an 2022.
Le àireamh nas motha de sgiobaidhean, thèid an dà sgioba aig mullach an dusan buidhean troimhe chun na h-ath-ìre. Thèid cuideachd agus na h-ochd sgiobaidhean as fheàrr a chrìochnaicheas san treas àite aig an ìre sin.
Tha cuairt a bharrachd ann am-bliadhna air sàillibh na tha sin - an 32 mu dheireadh.
Às dèidh sin, tillidh cùisean chun na h-àbhaist le na 16 mu dheireadh, na cairteal-chuairtean deireannach, iar-chuairtean deireannach, agus a' chuairt dheireannach fhèin ann an New York/New Jersey air an 19mh den Iuchar.

'S ann aig Pàirce na New York Jets agus na New York Giants bhon NFL a thèid a' chuairt dheireannach a chluich
Cuin a thèid geamannan na h-Alba a chluich?
Le cho sgapte 's a tha Cupa na Cruinne am-bliadhna, tòisichidh geamannan aig 13 àmannan eadar-dhealaichte thairis air an fharpais air fad.
Thèid iomairt na h-Alba a chur air a casan ann am Boston an aghaidh Haiti oidhche Shathairne (an 13mh den Ògmhios). Uill.... oidhche Shathairne anns na Stàitean Aonaichte.
Tòisichidh an geama aig dachaigh sgioba NFL na New England Patriots aig 9:00f EDT. Tha sin a' fàgail gur ann aig 02:00m BST air madainn na Sàbaid a thòisicheas an geama ann an Alba.
Tha an dà gheama eile beagan nas fheàrr. Coinnichidh sgioba Steve Clarke ri Moroco air an dearbh phàirc air an 19mh den mhìos, aig 6:00f anns na Stàitean Aonaichte.
Sin 11:00f BST aig an taigh.
Thig a' chiad bhreab den bhall anns a' gheama an aghaidh Brasil ann am Miami aig an aon uair - ged a bhiodh cuid ag iarraidh tòiseachadh ann an uairean beaga na maidne gus an teas ann am Florida a sheachnadh.

Thèid Alba an aghaidh Haiti agus Moroco aig pàirc sgioba an NFL na New England Patriots
Dè thachras ma thèid leotha?
Tha deagh chothrom aig sgioba Steve Clarke air rud a dhèanamh nach do rinn sgioba Albannach sam bith roimhe seo. Sin adhartas seachad air ìre nam buidhnean.
Ma gheibh iad chun na h-ìre sin, tha grunn àiteachan (agus sgiobaidhean!) a dh' fhaodadh a bhith a' feitheamh orra aig ìre nan 32 mu dheireadh.
Ma thèid cùisean cho math 's a dh' iarradh iad agus gum buannaich Alba Buidhean C, dhèanadh iad an slighe gu ruige Houston an uairsin. An sin, bhiodh an sgioba san dàrna àite bho Buidhean F a' feitheamh orra.
Ma chrìochnaicheas Alba san dàrna àite anns a' bhuidhean aca, bhiodh turas gu Monterrey ann am Meagsago romhpa gus an sgioba a bhuannaich Buidhean F a chluich.
Tha cùisean a' fàs beagan nas toinnte ma chrìochnaicheas iad san treas àite.
Dh' fheumadh iad an toiseach a bhith cinnteach gu bheilear an luib nan ochd sgiobaidhean as fheàrr a-mach às an dusan sgioba a chrìochnaicheas san treas àite anns gach buidhean. Tha sgaradh-tadhail, a thuilleadh air puingean, cudromach gus sin a rèiteach.
A-rèir cò na sgiobaidhean a thèid troimhe, dh' fhaodadh turas gu ruige New York, Mexico City no Boston a-rithist a bhith aca gus an sgioba as fheàrr bho Bhuidheanan A, I no E a chluich.
Cò na sgiobaidhean (eile!) as coltaiche buannachadh?

Thog Argentina an duais airson an treas turas ann an 2022, a' chiad turas ann am beatha Lionel Messi
Tha e doirbh coimhead seachad air An Spàinn. Chan eil iad air mearachd sam bith a dhèanamh, cha mhòr, bho chaill iad ri Alba aig Hampden 2-0 ann an 2023. Tha an sgioba aca loma-làn chluicheadairean cunnartach leithid Pedri, Fabian Ruiz agus Lamine Yamal.
Bidh An Fhraing misneachail mu na cothroman aca fhèin an fharpais a bhuannachadh a-rithist. 'S iad a bhuannaich ann an 2018 agus ràinig iad a' chuairt-dheireannach ann an 2022. Tha loidhne-aghaidh làidir dha-rìribh aig Didier Deschamps fo stiùir, le Kylian Mbappe, Bradley Barcola, Desire Doue agus Ousmane Dembele am measg na dh'fhaodadh maill gu leòr adhbharachadh.
Tha cha mhòr an aon sgioba aig Argentina 's a bha bho chionn ceithir bliadhna nuair a thog iad an duais airson an treas turas. Às dèidh an t-soirbheachais sin, agus Copa America a bhuannachadh dà thuras anns na ceithir bliadhna a dh' fhalbh, tha deagh theansa ann gun tèid iad dòmhain san fharpais. A bheil lùths gu leòr ann an casan a tha ceithir bliadhna nas sine ge-tà?
Cupa na Cruinne: Dìleab 1994
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 latha
Bidh sùil gheur ga cumail air mar a thèid do Shasainn san fharpais sa fo stiùir Thomas Tuchel. Tha ainmean mòra gu leòr aca an lùib na sgioba, leithid Harry Kane agus Jude Bellingham - ach tha an Gearmailteach air connspaid adhbharachadh le a bhith a' fàgail ainmean mòra eile, coltach ri Trent Alexander-Arnold, Cole Palmer agus Phil Foden aig an taigh. Chì sinn ann an ùine nach bi fada an e co-dhùnadh glic a bha sin.
Tha 24 bliadhna ann bho thog Brasil an duais mu dheireadh. Ged nach eil iad an lùib nan sgiobaidhean as coltaiche gus an fharpais a bhuannachadh am-bliadhna, le cluicheadairean leithid Vinicius Jr, Raphinha, agus ma dh'fhaoidte Neymar Jr, tha an comas aca maill adhbharachadh do gu leòr de sgiobaidhean - Alba nam measg!
Cò eile air am bu chòir sùil a chumail?

Tha Dick Advocaat air Curacao a' stiùireadh gu Cupa na Cruinne airson a' chiad turas
Tillidh Cristiano Ronaldo gu Cupa na Cruinne airson an t-siathaimh turas còmhla ri Portugal a tha uair eile le sgioba chunnartach. Thèid Ronaldo fhèin, Lionel Messi aig Argentina agus Guillermo Ochoa aig Meagsago a stèidheachadh mar na ciad chluicheadairean a-riamh gus nochdadh aig na cuairtean deireannach sia tursan ma nochdas iad anns na seachdainean a tha romhainn.
Coltach ri Alba, chan eil Nirribhidh air nochdadh aig Cupa na Cruinne bho 1998. Le Erling Haaland aig aghaidh na pàirce, cò aig a tha fios dè tha comasach dhaibh.
'S iad Moroco ann an 2022 a' chiad dhùthaich à Afraga a ràinig iar-chuairtean deireannach Cupa na Cruinne. Tha na cluicheadairean agus an tàlant aca rudeigin coltach a dhèanamh a-rithist - ged a bhios Steve Clarke an dòchas nach tig sin gu buil!
'S fhiach sùil a chumail air sgiobaidhean a leithid Cape Verde, Uzbekistan agus Iòrdan a tha uile an sàs airson a' chiad turas aig Cupa na Cruinne. Tha cuideachd agus Curaçao - fo stiùir seann mhanaidsear Rangers, Dick Advocaat. 'S iad Curaçao an dùthaich as lugha riamh gus nochdadh san fharpais agus cosnaidh Advocaat cliù mar a' mhanaidsear as sine riamh ann cuideachd, aig aois 78!
Tha a h-uile coltas ann gur e farpais iongantach, inntinneach agus eachdraidheil an iomadh dòigh a tha air thoiseach oirnn.
Tha an ùine feitheamh cha mhòr seachad!
Bidh aithrisean bho sgioba BBC Spòrs a bhios a' leantainn slighe na h-Alba aig Cupa na Cruinne rim faighinn air feadh sheirbheisean BBC Naidheachdan.
Thèid aithris air gach geama aig Alba a chluintinn beò às na Stàitean Aonaichte air BBC Radio nan Gàidheal, BBC Sounds, agus an seo fhein air làrach BBC Naidheachdan, a' tòiseachadh le Haiti an aghaidh Alba air madainn na Sàbaid, an 14mh den Ògmhios.
Alba an aghaidh Haiti
Sgioba BBC Radio nan Gàidheal ag aithris beò à Boston bho 01:00m Didòmhnaich le Alba a' dol an aghaidh Haiti anns a' chiad gheama aca aig Cupa na Cruinne 2026