Loganair ag iarraidh tuilleadh taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba

- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh adhair Loganair air tuilleadh taic-airgid iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba airson an cuideachadh le a bhith cumail sheirbheisean do na h-Eileanan an Iar agus do na h-Eileanan mu thuath a' dol.
Dhearbh Loganair gun tèid lughdachadh eadar-amal a dhèanamh air na tha de phleanaichean a' dol eadar Inbhir Nis is Steòrnabhagh, Kirkwall agus Sumburgh bhon19mh den Iuchair air sàilleibh 's gu bheil iad a' call airgid.
Ann am brath naidheachd thuirt Àrd-oifigear Loganair, Luke Farajallah gur e a bhith a' gearradh sheirbheisean adhair eileanach fear de na co-dhùnaidhean as duilghe a rinn a' chompanaidh riamh.
Thuirt e gur e àm doirbh a bh' ann do chompanaidhean adhair, le prìsean connaidh a' dùblachadh taobh a-staigh mìos a' Chèitein gun luaidh air an àrdachadh ron sin.
Dhaingnich e cuideachd gu bheil na slighean eadar Inbhir Nis is na h-Eileanan air a bhith a' call airgid airson greis mhath, agus nach urrrainn dhan chompanaidh leantainn orra leotha mar a tha iad.
Thuirt Mgr Farajallah gun robh iad a'tuigsinn nam faireachdainnean làidir a bh' aig coimhearsnachdan eileanach mu sheirbheisean adhair a tha deatamach dhaibh agus gu bheil Loganair deònach na seirbheisean sin ath-stèidheachadh san Dàmhair ma tha maoineachadh freagarrach ri fhaighinn.
Dh'iarr Mgr Farrajallah air Riaghaltas na h-Alba gluasad gu sgiobalta airson fuasgladh seasmhach fhaighinn do mhuinntir nan eilean.
Thuirt Gòrdan Jamieson gun toir gearraidhean Loganair air seirbheisean-adhair eadar Inbhir Nis agus Steòrnabhagh buaidh air còrr is 1,000 euslainteach gach cairteal den bhliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An t-Ògmhios
