Deuchainn air clionaig gun bhucadh an Inbhir Ghòrdain

- Air fhoillseachadh
Thòisich NHS na Gàidhealtachd a' dèanamh deuchainn an t-seachdain seo air modail ùr clionaig nach fheumar a bhucadh ann an Inbhir Ghòrdain.
Tha am pìleat na phàirt de phròiseas airson cùram èiginneach air an là a thoirt a-steach san sgìre.
Bidh an t-seirbheis air a cuingealachadh a' chiad ghreis, a' fosgladh eadar 12:00f agus 6:00f Diluain agus Dihaoine aig Ospadal Coimhearsnachd a' chunntaidh.
Gheibh Com-pàirteachas Slàinte is Cùraim Shòisealta na Gàidhealtachd tomhais às an sin air mar a tha am modail ag obrachadh agus dè an t-iarrtas a th' ann air a shon, le dùil a leudachadh gu seachd là san t-seachdain an dèidh sin, eadar 12:00f agus 8:00f.
Tha NHS na Gàidhealtachd airson 's gur ann ri taobh seirbheisean dotair-teaghlaich àbhaisteach a tha a' ruith mar thà ann an Alanais agus Inbhir Ghòrdain a bhios am modail a' ruith.
Tha luchd-obrach locum ga ruith an-dràsta fhad 's a tha luchd-obrach stèidhichte gam fastadh.
"Tha mi taingeil do NHS na Gàidhealtachd airson na h-obrach a rinn iad airson an t-seirbheis ro-luachmhor seo a thoirt gu buil, agus fios againn gur e adhbhar tàire a th' ann do mhòran cothrom fhaighinn air dotair gun a bhith a' feitheamh," thuirt Rùnaire na Slàinte, Angela Constance.
"Sin as coireach gu bheil sinn a' pìleatadh seirbheisean nach fheumar bucadh air feadh na dùthcha, le £36m de dh'ionmhas air an cùlaibh airson dèiligeadh ri "cabhag 08:00m" agus a' toirt barrachd roghainnean do dhaoine cothrom fhaighinn air a' chùram a dh'fheumas iad, nuair a dh'feumas iad e."