Batan an Rìgh aig HebCelt 's an Inbhir Nis

Kara Hanlon agus Stephen Libby a' giùlain batan an Rìgh
- Air fhoillseachadh
Thadhal batan an Rìgh air Fèis Cheilteach Innse Gall ann an Steòrnabhagh Diardaoin an 17mh den Iuchar.
Tha am batan a' dèanamh a shlighe timcheall na h-Alba - a' nochdadh aig tachartasan 's ann an coimhearsnachdan air thoiseach air Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu, a tha a' tòiseachadh air an 23mh den Iuchar.
Bha am batan air a ghiùlain le Stephen Libby a bhuannaich sreath 'The Traitors' agus an snàmhadair, Kara Hanlon, a bha mar phàirt de sgioba na h-Alba aig Geamaichean a' Chlo-fhlaitheis ann am Birmingham ann an 2022.
Choisich iad leis suas gu làrach na fèise anns a' Ghearradh Chruaidh - a' ghrian a' deàrrsadh agus Còmhlan Pìoba Leòdhais 's sluagh mòr air an cùlaibh.

Stephen Libby agus Kara Hanlon air an àrd-ùrlar còmhla ri Gary Innes bhon chòmhlan Mànran
Na b' anmoiche dhen oidhche, nochd iad air a' phrìomh àrd-ùrlar leis a' bhatan fhad 's a bha Mànran a' cluich.
Tha Stephen air a bhith a' dol gu HebCelt bho bha e na bhalach beag agus bha e air a dhòigh glan an cothrom seo fhaighinn.
Thuirt e: "Tha e cho sònraichte a bhith mar phàirt bheag de dh'fhèis na bliadhna.
"Tha e doirbh dhomh a chreidsinn gu bheil seo a' tachairt dhomhsa agus tha e sònraichte dha rìreabh a bhith a' faighinn air seo a dhèanamh aig an taigh."
Bha an fhèis cuideachd mar phàirt mhòr de shamhraidhean Kara agus 's e fìor urram a bha seo dhithse.
"'S e tachartas air leth a th' ann dhan choimhearsnachd," thuirt i.
"'S e fèis cho math a th' ann agus tha i ann an Alba - dè nach eil math mun sin?"

Chaidh am batan a thoirt far an aiseag ann an Steòrnabhagh le heileacoptar
Thàinig am batan a Leòdhas air an aiseag agus chaidh a thoirt far an Loch Seaforth le heileacoptar oidhche Chiadain.
Roimhe sin, stad e ann an Inbhir Nis far an deach tachartas a chumail aig làrach-trèanaidh ùr Caley Thistle agus oifisean Alba FA, sgioba ball-coise do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig.
A rèir Chaluim MhicFhearghais bho Alba FA, tha e cudromach gu bheil a' Ghàidhlig air a riochdachadh aig na Geamaichean.
Thuirt e: "Batan an Rìgh a' tighinn an seo an-diugh, tha mi a' smaoineachadh gur e guth airson na Gàidhlig a th' ann.
"Tha sinn tric ag ràdh gur e Alba FA guth na Gàidhlig ann am ball-coise ach 's e guth na Gàidhlig ann an spòrs uile gu lèir."

Clann ann an Inbhir Nis a' faighinn cothrom batan an Rìgh fhaicinn
Chaidh na Geamaichean a chumail roimhe ann an Glaschu ann an 2014 ach bidh an fheadhainn seo nas lugha, le lùth-chleasaichean a' farpais ann an 10 spòrs seach 17.
Thèid an craoladh beò air BBC ALBA.
Gheibhear ticeadan, taobh a-muigh air làrach-lìn nan Geamaichean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 3 làithean

- Air fhoillseachadh6 An t-Iuchar

- Air fhoillseachadh9 An t-Iuchar
