Dè a-nis do Sgìrean Cànain Sònraichte?

Cros, Nis, Eilean Leòdhais
  • Air fhoillseachadh

Bu chòir còir dha na h-Eileanan an Iar air fad a bhith air a chomharrachadh mar Sgìre Chànain Shònraichte seach sgìrean fa leth a bhith ann an diofar àiteachan.

Sin beachd Cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall MacSuain, an dèidh do Bhile nan Cànanan Albannach a bhith air aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.

Fon bhile bidh cothrom ann sgìrean sonraichte ainmeachadh ann an Alba far am bi an tuilleadh taice ri fhaotainn airson na Gàidhlig a leasachadh.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbheis, aig a bheil uallach cuideachd 'son a' chànain, gum bu chòir an cur an gnìomh cho luath 's a ghabhas.

Fo-thiotal,

Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, a' bruidhinn san deasbad mun bhile Dimàirt

Tron deasbad Dimairt thuirt i bho na còmhraidhean a bh' aice le Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd is Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gum biodh iad 'son gluasad gu luath le sgìrean cànain - ged a tha mi-chinnt ann mu mheud nan sgìrean.

A' bruidhinn às dèidh a' bhile a dhol troimhe, thuirt Ms Fhoirbeis "Tha sinn a' coimhead air cho mòr 's bu chòir na sgìrean sin a bhith, mar eisimpleir, faodaidh uard ann an ùghdarras ionadail a bhith mar àite.

"Ach ann an àiteachan eile, mar eisimpleir na h-Eileanan an Iar, 's dòcha gum biodh e nas fheàrr mar eilean an àite uard.

"An dàrna ceum, ma tha ùidh aig coimhearsnachdan fhèin a bhith mar phàirt de dh'àite sgìre shònraichte tha cothrom acasan bruidhinn ri Bòrd na Gàidhlig agus cuideachd na h-ùghdarrasan ionadail.

Fo-thiotal,

Thuirt an Comhairliche Dòmhnall MacSuain gu bheil Comhairle nan Eilean Siar gu math làidir dhen bheachd gum bu chòir na h-Eileanan air fad a bhith air an comharrachadh mar Sgìre Chànain Shònraichte - seach diofar sgìrean fa leth a bhith ann.

"Chan eil sinn idir taiceil dha pàirtean de na h-Eileanan a bhith air an taghadh no air an comharrachadh mar sgìrean sònraichte agus pàirtean eile a bhith air am fàgail a-mach.

"Tha e deatamach gum bi na h-Eileanan air fad mar sgìre shònraichte.

"Ciamar a tha sin a' dol a thachairt?

"Chan eil fhios againn air a sin aig an ìre-sa ach feumaidh a' Chomhairle, Bòrd na Gàidhlig agus an Riaghaltas a bhith ag obair còmhla," thuirt e.

Fo-thiotal,

Cathraiche Comatadh Gàidhlig CnES, Dòmhnall MacSuain

Nuair a dh'iarr sinn beachd bho Chomhairle Earra Ghaidheal is Bhòid mu a bhith a' stèidheachadh Sgìrean Cànain Sònraichte thuirt iad: "Tha sinn a' cur romhainn fhìn Gàidhlig a bhrosnachadh agus daoine a bhrosnachadh a cleachdadh air feadh na sgìre.

"Tha àite mòr aig a' chànan ann an eachdraidh Earra Ghaidheal is Bhòid agus tha e gu maith a h-uile duine againn taic a thoirt 'son 's gum fàs e.

"Leis a' bhile a-nis air a dhol troimhe, beachdaichidh sinn air an fhiosrachadh mhionaideach agus ciamar as urrainn dha cuir ri a bhith a' neartachadh na Gàidhlig ann an Earra Ghàidheal is Bòd".

Thuirt neach-labhairt bho Chomhairle na Gàidhealtachd: "Tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba fhad 's a tha an stiùireadh is na h-inbhean gan leasachadh".