£1.5m do chomhairlean gus Sgìrean Cànain Sònraichte a stèidheachadh

Tràigh ghainmhich gheal le baile fada às. Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha deasbad ann mu dè na h-àitichean a bu chòir inbhe Sgìre Cànain Shònraichte fhaighinn

  • Air fhoillseachadh

Gheibh ùghdarrasan ionadail £1.5m a chuidicheas iad "a' Ghàidhlig a chur air adhart mar as fheàrr a tha a' freagairt air a' choimhearsnachd aca".

Bha am poileasaidh seo mar phàirt de dh'Achd nan Cànanan Albannach.

Tha e a' toirt cead do chomhairlean sgìrean a chomharrachadh airson coimhearsnachdan le taic no dualchas làidir Gàidhlig.

Chan eil ceist nan Sgìrean Cànain Sònraichte air a bhith gun chonnspaid.

Thog a' bhuidheann Misneachd dragh gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh an inbhe ùr a chur air an sgìre gu lèir.

Dh'ainmich am Prìomh Mhinistear, Iain Swinney, am maoineachadh ùr ann an Uibhist a Deas far an robh e a' fosgladh gu h-oifigeil an talla agus na goireasan ùra aig Cnoc Soilleir.

'S e dachaigh na buidhne-ealain Ceòlas Uibhist agus UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall.

Chaidh crìoch a chur air an obair leasachaidh san Ògmhios.

Thuirt Mgr Swinney: "Tha cànan agus ealain na Gàidhlig nam pàirt riatanach do dh'eachdraidh, cultar agus fèin-aithne na h-Alba - gu h-àraid ann an sgìrean dùthchail agus sna h-eileanan.

"Feumaidh sinn ar dìcheall a dhèanamh airson agus gum bi i buan airson nan ginealaichean ri tightinn."

"Mar àite oideachaidh, tha feallsanachd làidir Chnoc Soilleir a thaobh na Gàidhlig a' ciallachadh gum faigh muinntir an àite agus luchd-tadhail buannachd às. "