Nàbachdan a gheibh dealan nas saoire ri linn bun-structair gan ainmeachadh

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte dè na sgìrean anns am faigh daoine airgead far nan cosgaisean dealain aca ri linn iad a bhith faisg air obair-leasachaidh a tha ga dhèanamh air griod an dealain.
Gheibh na mìltean dhaoine a tha a' fuireach nas fhaisge na 1,600tr (500m) air crainn-dealain, fo-stèiseanan no bun-structar eile £250 sa bhliadhna far nan cunntasan aca - £2,500 thairis air deich bliadhna, a' tòiseachadh an ath-bhliadhna.
Tha cuid air càineadh a dhèanamh air an sgeama ge-tà, ag ràdh nach eil ann ach suim shuarach an taca ris a' bhuaidh a bheir na leasachaidhean air beatha dhaoine.
"'S e slaic mun pheirceil a th' ann an £2,500 far chunntasan dealain thairis air deich bliadhna do dhaoine a chailleas an gnothachasan 's nach urrainn an taighean a reic," thuirt Kate Matthews bhon iomairt Save Our Mearns, a tha a' cur an aghaidh leasachaidh sa Mhaoirn ann an ear-thuath na h-Alba.
"Tha an riaghaltas seo an dàrna cuid air grèim a chall gu tur no tha iad tàireil air luchd-còmhnaidh agus luchd-cleachdaidh chumhachd."
Tha mòran den obair-leasachaidh sin ga dhèanamh air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, eadar Fàn Eilean faisg air a' Mhanachainn, Banniskirk ann an Gallaibh, Cille Chuimein, an t-Aodann Bàn agus an t-Àth Leathann san Eilean Sgitheanach, agus Hub Leòdhais.
'S ann air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a tha mun chairteal cuid den 33 pròiseactan a tha gan dèanamh uile gu lèir.

'S iad na pròiseactan aig tuath far a bheil daoine a tha a' fuireach faisg orra airidh air an airgead seo:
Banniskirk - fo-stèisean ùr a tha ga thogail faisg air an Spideal ann an Gallaibh
Cille Chuimein - leasachadh ga thoirt air fo-stèisean Uachdar Abha.
Neartachadh ga thoirt air loidhne dealain 107 mìle de dh'fhaid eadar an Spideal agus a' Mhanachainn, taobh Loch Buidhe ann an Cataibh.
loidhne dealain ùr eadar a' Mhanachainn agus Ceann Phàdraig
fo-stèisean ùr aig Càrnaig faisg air Loch Buidhe ann an Cataibh
Fàn Eilean - bun-structar ùr dealain faisg air a' Mhanachainn
Earra-Ghàidheal - leasachadh air loidhne dealain eadar a' Chreag Dhubh agus Dail Màilidh
An t-Aodann Bàn - leasachadh air fo-stèisean dealain
An t-Àth Leathann - leasachadh air fo-stèisean dealain
Neartachadh air an loidhne dealain eadar an t-Àird Mhòr san Eilean Sgitheanach agus Cille Chuimein
Fo-stèisean ùr aig a' Bheinngalaidh (Fàs na Coille) ann an Gleann Afraig
Hub Leòdhais
Fo-stèisean ùr an iar air Mionaird ann an Earra-Ghàidheal
Ath-thagradh an aghaidh diùltadh leasachadh Fàn Eilean
- Air fhoillseachadh8 An Giblean
Comhairlichean an aghaidh plana 'son loidhne-dealain mòr air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh18 An t-Ògmhios
Thugadh cead do loidhne-dealain ùr tron Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh9 An t-Ògmhios 2025
Chaidh a' mhòr-chuid de lìonra dealain na dùthcha a thogail anns na 1960an, agus tha feum air a leasachadh mu choinneimh phròiseactan ath-nuadhachail.
Tha mòran den obair sin air a bhith connspaideach, agus tha an Riaghaltas a-niste an dòchas gun toir an sgeama seo misneachd do dhaoine.
Thuirt Rùnaire a' Chumhachd, Mìcheal Shanks, gu bheil e ceart gum faigh na coimhearsnachdan air a bheil na leasachaidhean a' toirt buidh buannachd asta.
"'S e àm ath-nuadhachaidh nàiseanta a tha seo - a' leasachadh na chaidh a thogail gu ìre mhòir anns na 1960an airson an ama againn fhèin, agus 's e ar slighe a dh'ionnsaigh dealain nas saoire do dhachannan air feadh na dùthcha," thuirt e.
"Tha e deatamach gun tog sinn a-rithist mar dhùthaich, agus tha sinn gu mòr airson 's gum faigh na coimhearsnachdan a tha a' toirt òstaireachd do chrainn-dealain buannachd. Sin as coireach gu bheil sinn ag ìsleachadh chunntasan an fheadhainn a bheir òstaireachd don bhun-structar riatanach nàiseanta seo."