Cuid a' call a-mach air àite air busaichean eadar Port Rìgh is Inbhir Nis

Bus buidhe agus gorm le daoine a' feitheamh airson a dhol air bòrd.
Fo-thiotal an deilbh,

Bus Citylink ann am Port Rìgh

LeAlasdair Macleòid
BBC NaidheachdanAg aithris àPort Rìgh
  • Air fhoillseachadh

Tha dragh air èirigh gum faodadh gu bheil daoine anns an Eilean Sgitheanach a' call a-mach air a bhith a' faighinn àite air bus Citylink a dh'Inbhir Nis air sgàth faraidhean ùra nas saoire.

Tha e coltach gu bheil an t-seirbheis glè tric làn de luchd-turais a tha a' gabhail cothrom air faraidhean £2, fo sgeama pìleat a tha a' ruith an-dràsta.

'S e sàbhaladh mòr a tha seo. Roimhe, chosgadh an turas £35.

Chaidh an sgeama a chur an sàs sa Ghiblean. Bidh e a' ruith airson bliadhna, ag amas air siubhal air busaichean a dhèanamh nas fhasa agus nas reusanta agus air barrachd dhaoine fhaighinn air còmhdhail phoblaich.

Na bu tràithe den t-seachdain, dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gum facas àrdachadh de 25% anns an àireimh de dhaoine a phàigh airson busaichean a chleachdadh san sgìre sa chiad mhìos dhan sgeama, an coimeas ris an-uiridh.

Air a' mhìos a chaidh, chaidh àrdachadh de 36% a chlàradh.

Tha e coltach gu bheil seo air buaidh a thoirt air cuid anns an Eilean Sgitheanach a bhiodh a' cleachdadh na seirbheis is busaichean a-nise tric làn, le luchd-turais am measg eile a' gabhail brath air na faraidhean nas saoire.

Thuirt BPA na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Maree Todd, gu bheil i cinnteach gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an seo mar phàirt dhan phìleat agus gun tèid dèiligeadh ris ma bhios sin riatanach.

"Saoilidh mi gu feum sinne a tha a' fuireach an seo na cleachdaidhean againn atharrachadh," thuirt i.

"Tha mi a' creidsinn gum feum sinn a bhith a' cur siubhal air dòigh ro làimh, ann an dòigh nach robh sinn a' dèanamh roimhe.

"Bidh barrachd a' cleachdadh nan seirbheisean na bha roimhe agus 's e deagh rud a tha sin."

"'S e deagh rud a th' ann cuideachd a bhith a' lùghdachadh an àireamh chàraichean air an rathaidean.

"'S e cleachdadh math de dh'airgead poblach a bhios an sin aig a' cheann-thall."

Tha an t-seirbheis eadar Port Rìgh agus Inbhir Nis trang as t-samhradh co-dhiù.

Ach tha draghan ann gu bheil cuid ann nach eil air loidhne, no aig nach eil an comas àite a chur air dòigh mar seo.

A thuilleadh air sin, bha e cumanta do shean daoine san Eilean Sgitheanach a bhith a' faighinn tiocaid airson seirbheis Citylink ann an oifis turasachd VisitScotland ann am Port Rìgh.

Chan eil an oifis sin ann tuilleadh.

Thuirt Citylink gu bheil iad mothachail gu bheil barrachd a' cleachdadh na seirbheis agus dh'iarr iad air duine sam bith a tha ag iarraidh siubhal àite a chur air dòigh air a' bhus ro-làimh.

Thuirt iad gu bheil iad a' cumail sùil gheur air na seirbheisean agus gum feuch iad rin leudachadh ma ghabhas sin a dhèanamh.

Ach, tha seo na dhùbhlan air cuid a shlighean dhùthchail, ri linn àireamhan charbadan agus draibhearan.

Dh'fhaighnich BBC Naidheachdan do Chòmhdhail Alba a bheil planaichean aca an sgeama atharrachadh gus nach fhaigh ticead £2 ach daoine a tha a' fuireach ann an Alba no san Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt labhraiche na buidhne gu bheil duine sam bith a tha a' siubhal air bus san sgìre airidh air faradh £2 fon sgeama agus gun tèid fianais a chruinneachadh mu bhuaidh a' chuibhreachaidh.