Naidheachdan 10:00m
Beul Feirste
Rinn Àrd-Chonstabal Poileas Èirinn a Tuath càineadh làidir air an togail-fianais a bh' ann a-raoir ann an co-cheangal ri ionnsaigh sgèine air fear ann am Beul Feairste Oidhche Luain. Bha aig cuid am Beul Feairste rin dachannan fhàgail a-raoir 's iad air an cur nan teine. Thuirt Jon Boutcher gun robh am fòirneart a bha ri fhaicinn ann an Èirinn a Tuath air an sgìre a chur ais ais grunnan bhliadhnaichean.
Aig a' cheart-àm, tha Prìomh Mhinistear na h-Alba ag ràdh nach tèid gabhail idir ris an togail fianais a bh' ann an Glaschu, ann an Dùn Èideann agus ann an Inbhir Àir a-raoir ann an co-cheangal ri na thachair am Beal Feairste. Thuirt John Swinney gur e dùthaich a th' ann an Alba a bhios a' cur fàilte air daoine, 's gu bheil luach ga chur sna daoine tha roghainneachadh fuireach an seo anns na coimhearsnachdan aca. Thuirt e nach eil àite ann airson gràin-cinnidh no gràin de sheòrsa sam bith 's gum bu chòir seasamh nan aghaidh.
Iran
Tha na Stàitean Aonaichte ag ràdh gun tug iad ionnsaigh air làraich arm Iraineanaich faisg air Caolas Hormuz. Thuirt iad gun robh sin mar fhreagairt air mar a thàinig heileacoptar Aimeireaganach a-nuas, Diluain. Thuirt arm Iran gun tug iad an uairsin ionnsaigh air làraich Aimeireaganach ann am Bahrain, Iòrdan agus Cuibhèit.
Peadar Murrell
Tha buill na Pàrlamaid Albannaich gu bhith a' bhòtadh an-diugh air am bu chòir rannsachadh a stèidheachadh feuch an gabh leasanan ionnsachadh bhon scainneal ann an co-cheangal ri Peadar Murrell. Chaidh seann àrd-oifigear an SNP a dhìteadh air casaidean gun do ghoid e còrr air £440,00 bhon phartaidh. Tha na Làbaraich a' cleachdadh na h-ùine deasbaid aca gus rannsachadh iarraidh agus iad ag ràdh gu bheil ceistean susbainteach ri fhreagairt.
Rùnaire na Còmhdhail an Uibhist
Tha dùil ri Rùnaire ùr na Còmhdhail ann an Uibhist an-diugh fhathast gus cluinntinn bho mhuinntir an àite mu sheirbhisean aiseig is itealain. Tha seo a' tighinn agus 96% den fheadhainn a fhreagair suirbhidh bho Bhuidheann Turasachd Innse Gall ag ràdh gun tug staing nan aiseagan droch bhuaidh orra sa bhliadhna mu dheireadh. Tha Loganair cuideachd air innse bho chionn ghoirid gu bheil iad an dùil lùghdachadha thoirt air na seirbheisean adhair aca eadar Steòrnabhagh is Inbhir Nis bhon ath-mhìos.
Tubaist sgùtair
Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist le sgùtair dealain ann an Inbhir Nis. Thachair an tubaist aig mu 10:40 a-raoir air Sràid nan Granndach. Chaidh fear aois 33 a thoirt don ospadal far a bheil e ann an staid ìosal.