Sgìrean smachd air màl ghoirid air Ghàidhealtachd a-niste ro mhinistearan na h-Alba

Taighean ann am baile air Ghàidhealtachd (Sìldeag)Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'aontaich comhairlichean air Ghàidhealtachd beachd iarraidh air ministearan na h-Alba air planaichean airson dà sgìre smachdachaidh a stèidheachadh airson màil ghoirid.

Rinneadh an co-dhùnadh an dèidh co-chomhairle a mhair sia seachdainean 's a fhuair còrr air 800 freagairt, le 84% de dhaoine is ghnìomhachasan a' cur taic ri sgìre a' toirt a-steach baile Inbhir Nis fhèin.

Chuir 72% taic ri sgìre eile a bhiodh a' toirt a-steach sgìrean air an tuath timcheall Inbhir Nis, agus mòran sgìrean nas fhaide air falbh leithid Loch Abair, Loch Aillse 's an t-Eilean Sgitheanach, Taobh Siar Rois agus Cataibh, am measg eile.

Tha sgìre pìleat air a stèidheachadh mar thà ann am Bàideanach is Srath Spè, agus coltas ann gu bheil sin air soirbheachadh.

Thuirt a' Chomhairle gum bi na sgìrean nan cuideachadh ann a bhith a' cur dìon air na tha de thaigheadas ri fhaotainn do dhaoine a bhith a' fuireach ann làn-ùine air Ghàidhealtachd, air a chothromachadh le feumalachdan na turasachd.

Mus do thòisich a' cho-chomhairle phoblach, bheachdaich a h-uile comataidh sgìreil air Ghàidhealtachd air na molaidhean, a chaidh a chur air adhart ann an aithisg, le cuid air taobh sear na sgìre a' co-dhùnadh nach eil fianais ann air an son.

Cha bhiodh, mar sin, na sgìrean a' toirt a-steach Gallaibh, taobh sear Rois (ach a-mhàin Srath Pheofhair), an t-Eilean Dubh no Siorrachd Inbhir Narann.

Mapa a' sealltainn an dà sgìre a tha san amharc aig a' Chomhairle Tùs an deilbh, COMHAIRLE NA GÀIDHEALTACHD

"Bu mhath leam taing a thoirt dhan a h-uile duine a thug seachad an cuid tìde airson a dhol an sàs leis a' phròiseas seo, co-dhiù 's ann tron cho-chomhairle fhoirmeil, nochdadh aig tachartasan poblach, pàirt a ghabhail ann an seiminearan-lìn no fios sgrìobhte a chur thugainn," thuirt an Comh Ken Gowans.

"Fhuair sinn farsainneachd de bheachdan, agus chuir iad sin gu mòr ris a' cho-dhùnadh againn an-diugh.

"Chan ann mu dheidhinn stad a chur air màl ghoirid a tha seo, no buaidh a thoirt air gnothachasan a th' ann mar thà a tha seo.

"'S ann mu dheidhinn a bhith a' dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh ann an siostam an dealbhachaidh air atharrachaidhean san àm ri teachd."

Fo na molaidhean, cha bhiodh buaidh air àitichean-fuirich a tha gan leigeil a-mach mar thà air màl ghoirid, ach dh'fheumadh duine sam bith cead dealbhachaidh airson àite ùr a leigeil a-mach.

Thuirt Comann Luchd-Fèin-Fhrithealaidh na h-Alba gur e briseadh-dùil a bh' ann an co-dhùnadh na Comhairle, agus iad ag ràdh nach eil fianais ann gun cuidich na sgìrean an suidheachadh.

Thuirt Àrd-Oifigeach na buidhne, Fiona Chaimbeul MBE: "Beachdaichidh sinne a-niste gu cùramach air ar freagairt, a' toirt a-steach a h-uile roghainn a th' againn."

Bidh a-niste aig ministearan na h-Alba ri co-dhùnadh co-dhiù thèid na sgìrean smachdachaidh air adhart.

Aon uair 's gum faighear freagairt mhinistearan na h-Alba, thèid aithisg ùr a chur mu choinneimh Comataidh na h-Eaconomaidh 's a' Bhun-structair aig a' Chomhairle a mhìneachadh a' cho-dhùnaidh aca, agus gnothaichean eile leithid cinn-là tòiseachaidh.