Tagaichean GPS a' dol air iolairean-mara gus am buaidh air stoc a mheasadh

- Air fhoillseachadh
Theid tagaichean GPS a chuir air 40 iolaire-mhara air taobh siar na h-Alba a sgrùdas mar a tha na h-eòin a buntainn ri stoc.
Tha am pròiseact, a tha air a ruith eadar grunn bhuidhnean, ag amas air fiosrachadh a chruinneachadh mu mar a tha na h-iolairean ag amas air uain is caoraich.
'S e co-obrachadh a th' anns a' phròiseact eadar grunn bhuidhnean glèidhteachais agus buidhnean tuathanais is croitearachd.
Tha NàdarAlba, an RSPB, NFU na h-Alba agus Caidreachas na Croitearachd am measg na tha an sàs ann.
Chaidh toiseach-tòiseachaidh a dheanamh mar-thà air tagaichean a chuir air iseanan iolairean-mara, a tha mu ochd seachdainean de dh' aois.
Thairis air an dà bhliadhna ri thighinn cuiridh iad taga air 35 isean.
Tha am pròiseact an dòchas coig tagaichean eile a chur air iolairean-mara a tha aig aois brideachaidh.
'S ann air eòin ann an Earra-Ghàidheal, sgìre na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar a bhios iad ag amas.
Ann an Earra-Ghàidheal, cuiridh Colaiste Dhùthchail na h-Alba colairean le taga eileagtronaigeach air uain mar phàirt de phròiseact eile.
Thèid am fiosrachadh bhon dà phròiseact a chuir còmhla airson dealbh nas coileanta fhaighinn air an t-suidheachadh.