Buaidh do Chounty ach fhathast aig bonn an Championship

Cluicheadairean Ross County Akil Wright (clì) agus Ryan Duncan an dèidh a dhol 1-0 an aghaidh Morton. Tùs an deilbh, Rob Casey/SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Cluicheadairean Ross County Akil Wright (clì) agus Ryan Duncan an dèidh a dhol 1-0 an aghaidh Morton.

  • Air fhoillseachadh

Fhuair Ross County a' bhuaidh a bu mhotha aca air an t-seusan seo nuair a rinn iad an gnothach air Morton 4-0 ach cha robh gu leòr an sin airson an gluasad far bonn an Championship.

Bhuannaich Airdrie 2-1 an aghaidh Ayr United agus tha sin gan cumail-san aona phuing agus àite air thoiseach air County san lìg.

Thuirt manaidsear Chounty Stuart Kettlewell gum feumadh iad an aona rud a dhèanamh sa gheama an aghaidh Raith Rovers, a th' ann am meadhan na lìg, Dihaoine.

Bha Kettlewell air a dhòigh le mar a chluiche an sgioba aige - bhiodh iad air dhol sìos nam biodh iad air call.

Chuir an cluicheadair dìon Akil Wright County air thoiseach tràth sa gheama agus chuir Jordan White ris an sin an uairsin.

Beagan as dèidh leth-ùine chuir Noah Chilvers, nach eil ach dìreach air tilleadh dhan sgioba, County gu 3-0 mus do chuir Ryan Duncan, a th' air iasad bho Obar Dheathain, gleansa buileach air a' gheama leis a' cheathramh tadhal.

B' e seo a' chiad uair air an t-seusan seo a bhuannaich County dà gheama ann an sreath anns an lìg. Rinn iad an gnothach air Ayr United 2-1 aig an taigh an t-seachdain seo chaidh.

Chan eil Morton ach dà phuing air thoiseach air Airdrie san lìg agus trì puingean air thoiseach air County.

Tha Morton is Airdrie a' cluiche a chèile aig Cappielow Dihaoine agus mar sin, tha cothrom aig gach sgioba fhathast.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte