Daoine aig aois-obrach air Ghàidhealtachd sìos

  • Air fhoillseachadh
Taigh croite

Thuit an àireamh dhaoine a tha aig aois-obrach air a' Ghàidhealtachd mu 14,500 anns a' cheithir bliadhna mu dheireadh.

Tha an sgrùdadh a rinn a chompanaidh rannsachaidh, Biggar Economics, le figearan bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta, a sealltainn gu bheil ceangal eadar sin agus àrdachadh mòr san aireamh dhaoine a tha a' gluasad dhan sgìre an dèidh an dreuchd fhagail tràth.

Sheall na figearan gu bheil an àireamh dhaoine eadar 16 agus 64 air a' Ghàidhealtachd air tuiteam bho 80% dhen an t-sluagh gu 72%.

Rud a tha a' cur ris an seo 's e gu bheil barrachd dhaoine nach eil aig aois-obrach air gluasad a-staigh dhan sgire, a-rèir ùghdar na h-aithisg sgrùdaidh aig Biggar Economics, Simon Cleary.

Soilleir

"Fagaidh daoine an sgìre mur a bheil obraichean ann," thuirt Mgr Cleary.

"Tha daoine air a bhith mothachail gu bheil an àireamh dhaoine a' fuireach air a' Ghàidhealtachd air fàs na sine thar na bliadhnaichean mu dheireadh. Ach ma thathar a-nis a' faicinn gu bheil an àireamh dhaoine nas sine air èirigh cho mòr, math dh'fhaoidhte nach deach uidhir a dh'ullachadh sa bu chòir a bhith air a dhèanamh air a shon," thuirt e.

'S e sgrùdadh am measg buidhnean nas lugha a tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta a' dèanamh a bhios air a leudachadh a-mach.

Gheibhear dealbh nas soilleire nuair a nochdas toradh cunntas-sluaigh na h-Alba air an ath bhliadhna.