
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean ag iarraidh air daoine am beachd a thoirt seachad air plana, taobh a-muigh gus trì colaistean a chur còmhla, is co-chomhairle gus tighinn gu ceann an ath-mhìos.
Dh'innis UHI an-uiridh gun robh iad airson UHI Innse Gall, UHI Gàidhealtachd an Iar, is UHI Gàidhealtachd a Tuath a chur còmhla.
Tha iad ag ràdh gu bheil na trì colaistean a' strì le gearraidhean ann an ionmhas, cosgaisean a tha ag èirigh, is crìonadh sluaigh.
Tha iad a' cumail a-mach le a bhith a' tighinn ri chèile, gum bi guth nas làidire aca, gum bi e nas fhasa taic-airgid a thàladh, is barrachd a dhèanamh.
Draghan
Ged a tha cuid air draghan a thogail mu na planaichean, thuirt UHI roimhe nach biodh an gluasad a' ciallachadh gum biodh seirbheisean air an gluasad chun a' mheadhain.
Gheall iad cuideachd nach tèid duine a chur às an dreuchd an aghaidh an toil.
Tha UHI a-nise air innse gun dùin co-chòmhairle mu na planaichean air a' 14mh den Dàmhair.
Bidh seisean air-loidhne Diciadain an ath-sheachdain eadar 7:00f is 8:00f, is a bharrachd air sin bidh sreath de sheiseanan, taobh a-muigh aig làraichean UHI anns na h-Eileanan an Iar cuideachd.
Thuirt UHI gun tèid na beachdan a gheibh iad a chur dhan phlana dheireannach, a thèid air beulaibh bhòrd nan trì colaistean ro dheireadh na bliadhna.