
Tormod Caimbeul na neach-naidheachd òg ag aithris air sgeulachd BCCI.
A thuilleadh air Covid, cha robh mi riamh an lùib naidheachd cho mòr agus annasach ri BCCI.
Nam neach-naidheachd òg ann an Steòrnabhagh, anns na làithean far nach robh aig a' BhBC ach aon neach-obrach air thuarastal anns na h-Eileanan an Iar. Bha feadhainn eile ag obair air an ceann fhèin agus bha dàimh fhaisg orra sin.
Trì mìosan stèidhichte ann an Steòrnabhagh fhèin, às dèidh obair fhaighinn ann an roinn naidheachd Radio nan Gàidheal anns an Lùnastal 1990.
Anns an Iuchar 1991, bha na h-eileanan ann an tomhais mhòr nan tàmh. Làithean-saora dhan mhòr-chuid, tòrr dhaoine air falbh air Tìr-Mòr, àm dhen bhliadhna nuair a bhiodh naidheachdan duilich a lorg.
Agus mar chlach às an adhar, an naidheachd gun robh Comhairle nan Eilean (cha deach an 'Siar' a chur rin ainm gu 1997) an dèidh 's £23m a chall.

Chuir staing a' bhanca Comhairle nan Eilean ann an toll mòr ionmhais.
Seo ann am banca grod. Ach, banca a bha Banca Shasainn a' meas airidh air daoine a bhith a' cur an airgid ann.
Gearraidhean mòra air fàire. Obraichean ann an cunnart taobh a-staigh na Comhairle; agus air sgàth sin cosnadh mhòran ann an cunnart thall 's a-bhos anns a' choimhearsnachd. Feagal gur e tuilleadh cion-cosnaidh a thigeadh agus gun teicheadh barrachd sluaigh às an àite.
Uallach, doilgheas, buaireadh, cion-misneachd agus feagal am measg an luchd-obrach a b' fhaisg air riaghladh ionmhais na Comhairle.
Luchd-naidheachd nas sine le eòlas anns an àite, chan fhaca iad a shamhail agus bha iad ag obair o mhoch gu dubh; ach bha iad deònach mo chuideachadh. Bha an sgeulachd duilich ann an iomadach dòigh.
Ùghdarras ionadail nach robh air a bhith ann ach sia bliadhna deug. Ron sin bha Leòdhas fo sgiath Comhairle Siorramachd Rois agus Chrombaigh, agus bha na Hearadh, Uibhist is Barraigh mar phàirt de sheann Chomhairle Siorramachd Inbhir Nis.

Sgainneal BCCI ga dheasbad le comhairlichean.
Tharraing a' Chomhairle ùr daoine geur-chùiseach òga. Dhearbh iad fhèin fìor chomasach mar oifigich. Ann an 1991, a dh'aindeoin atharrachaidhean agus ghearraidhean a rinn Riaghaltas Bhreatainn anns an ionmhas phoblach, bha spionnadh agus misneachd nan làithean tràth fhathast ann am prìomh oifisean na Comhairle air Rathad Shanndabhaig ann an Steòrnabhagh agus ann am Baile a' Mhanaich.
Agus cha b' ann gun saothair agus iad fhèin a dhearbhadh ann an tomhais mar-tha a bha na comhairlichean cuideachd.
Ged nach biodh uimhir de dhaoine a' seasamh airson na Comhairle 's a chìtheadh tu air Tìr-Mòr, bha cliù aig a' mhòr-chuid, anns na sgìrean-comhairle aca fhèin, mar fheadhainn a b' aithne dhaibh an gnothach. Bhiodh iad air sin a dhearbhadh le trusadh airgid airson ghoireasan ùra coimhearsnachd no sgioba spòrs, no tro obair ionadail eile. Feadhainn eile, bha iad air a bhith ag obair aig àrd-ìre nan dreuchdan fhèin mus do thill iad gu eilean am breith.
Ach cha b' ionnan sin agus gnothach a dhèanamh ri BCCI. Ionmhas eadar-nàiseanta, agus a bhith ri faire air na margaidhean ionmhais, gun luaidh air a' phrais a ghoil gu poilitigeach taobh a-staigh na Comhairle fhèin.
Chunnacas daoine glè thàlantach gam faighinn fhèin ann an cachlagan. Bha eas-òrdugh poilitigeach, dìth stiùir, dìth lèirsinn agus spiorad dìoghaltais a' togail ceann tric.

Chuir an suidheachadh uallach mòr air Comhairle nan Eilean.
Bha feadhainn aig àrd-ìre am measg nan comhairlichean a sheall tro na bliadhnaichean gun robh na gibhtean agus ceangalan aca, airgead no co-dhùnaidhean ceart fhaighinn bhon Riaghaltas aig ìre Oifis na h-Alba. Ach nuair a thachair BCCI, bha pàirt dhiubh air an combaiste phoilitigeach a chall.
Bhiodh clàr-ghnothaich agus uair air a shuidheachadh do na coinneamhan aig a' Chomhairle airson dèiligeadh ris an staing. Bheireadh oifigich stiùir. Ach an dèidh cuid dhe na coinneamhan, bha faireachadh ann nach robh òrdugh no riaghailt anns a' chùis.
'S ann ainneamh a bha oidhirp chunbhalach ann fiosrachadh a chumail ris na meadhanan naidheachd. Gun teagamh, bha co-dhùnaidhean toinnte ri dhèanamh (a thaobh seasamh luchd-obrach aig teis-mheadhan call an airgid) a dh'iarradh cùram agus ùine 's cha b' e brath-naidheachd a h-uile là. Ach bha muinntir nan eilean a' crochadh air na meadhanan sin airson tuigse fhaighinn air na bha a' tachairt.
Bha adhbhar aig na h-oifigich agus buill a bhith droch-amharasach ro phàirt dhen ghràisg luchd-naidheachd a champaich air an starsaich bho air feadh na rìoghachd. 'S e a bha fa-near do chuid aca sin gun teagamh sam bith ach magadh agus miastadh.
Cha dhìochuimnich mi fear-naidheachd às na h-eileanan a b' fheudar a cho-èigneachadh gun a dhol a throd gu treun ri duine bho phàipear-naidheachd ann an Lunnainn a thug 'yoiks' air muinntir nan eilean. Bha e cuideachd ag ràdh nach bu chòir don Riaghaltas a bhith air milleanan notaichean earbsa riutha.

Bidh sreath aithrisean aig BBC Naidheachdan mun sgainneal an t-seachdain seo.
Ach bha luchd-naidheachd a bhuineadh dha na h-eileanan eadar clach agus sgrath. Bha gach gòraiche ùr na naidheachd làidir ach a' tarraing aire bho a-muigh gu staid chugallach cheannardan na coimhearsnachd far an robh sinn a' fuireach.
Agus bha troimhe-chèile gu leòr ann. Bha coinneamh air muin coinneimh anns an Taigh Gheal air Rathad Shanndabhaig. Ghearain cuid aig an robh eòlas ron sin air cumhachd aig ìre nàiseanta nach deach am beachd no comhairle iarraidh.
Air an làimh eile, buill-comhairle a bha toinisgeill agus iriseal gu leòr comhairle iarraidh bho na h-oifigich aca fhèin agus bho a-muigh, chaidh sin a thoirt dhaibh agus stèidhich iad sgrùdadh mionaideach fo sgiath an Oll. Ailean Alexander aig Oilthigh Shrath Chluaidh.
Bha daoine air an robh uallach airson math nan eilean deònach fiosrachadh a thoirt don luchd-naidheachd.
Mar a thuirt fear-naidheachd far Tìr-Mòr a chunnaic mar a bha an gnothach ag obair, bha e a' toirt nas fhaide 'no comment' a ràdh anns a' Ghàidhlig seach anns a' Bheurla.
Do neach-naidheachd òg an lùib sgeulachd mhòir eadar-nàiseanta, bha BCCI na chùrsa-bogaidh nach tèid air diochuimhne.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An t-Iuchar 2021
