Màl goirid: 6 uiread nas motha sna h-Eileanan Siar

Bha 1,079 àitichean-fuirich gan leigeil a-mach air màl ghoirid anns na h-Eileanan Siar deireadh na Dùbhlachd 2025
- Air fhoillseachadh
'S ann sna h-Eileanan Siar a tha an ìre às àirde an Alba de dh'àitichean-fuirich air màl ghoirid, a rèir fhigearan ùra.
Fhuair rannsachadh gu bheil am figear sna h-Eileanan Siar a shia uiread nas àirde na an ìre sa bhitheantas ann an sgìrean eile den dùthaich.
Sin 707 a-mach à gach 10,000 dachaigh sna h-eileanan, leis na figearan gan clàradh thairis air trì bliadhna bhon Dàmhair 2022 chun na Dùbhlachd 2025.
Tha màl goirid a' ciallachadh far a bheil àite ga leigeil a-mach airson ùine ghoirid do luchd-tadhail, leithid airbnb, leabaidh is breacaist, taighean-samhraidh no àitichean-fuirich beaga eile do luchd-turais.
Feumar cead airson àite-fuirich a leigeil a-mach air màl ghoirid an Alba fo lagh a thàinig a-steach san Dàmhair 2022.
Bho thugadh an siostam ceadachd a-steach, chaidh 42,355 cead iarraidh air a' char as lugha ann an Alba suas gu deireadh na Dùbhlachd 2025.
Fàilte air buaidh sgeama smachdachaidh a' mhàil ghoirid
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
Moladh gun sgìre smachdachaidh mhàil ghoirid a bhith air Ghàidhealtachd air fad
- Air fhoillseachadh15 An t-Sultain 2025
'S ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear as ìsle a tha am figear an Alba, le dìreach 10 às gach 10,000 dachaigh.
'S e am figear sa bhitheantas an Alba 118.
A rèir nam figearan, bha 1,079 àitichean-fuirich gan leigeil a-mach air màl ghoirid anns na h-Eileanan Siar aig deireadh na Dùbhlachd 2025.
Tha grunn ùghdarrasan ionadail air coimhead ri sgeama smachachaidh a chur an sàs air màl ghoirid, agus dragh mun bhuaidh a tha seo a' toirt air na tha de dhachannan rim faighinn do luchd-obrach ann an iomadh sgìre.
Sheall rannsachadh a rinn Comhairle na Gàidhealtachd "gur dòcha" gu bheil sgeama pìleat a chuir iad an sàs ann am Bàideanach is Srath Spè air lùghdachadh a thoirt air na tha de dh'iarrtasan gan cur airson cead.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd a' coimhead ri dà sgìre eile a stèidheachadh a' toirt a-steach baile Inbhir Nis agus grunn sgìrean dùthchail sa cheann a tuath.