
Ruaraidh Rothach na bhalach òg.
Bha mi dusan bliadhna a dh'aois ann an 1991.
Cha robh mòran a bharrachd air m' aire ach buntàta, obair na croite agus nuair a bha sin deiseil na b' urrainn dhomh de ghoilf is ball-coise a chluiche fad làithean-saora an t-samhraidh.
Bha mi a' fuireach anns na Buirgh air Taobh Siar na Hearadh - a' mhachair.
Ged a bha e torrach le tràighean àlainn, is i cho còmhnard ri làr, cha robh mòran dhe mo cho-aoisean faisg air làimh agus bha mi an còmhnaidh a' sireadh leisgeul faighinn dhan Tairbeart.
An Tairbeart
Aon mhadainn san Iuchar, thuirt mo mhàthair gun robh coinneamh aice air an Tairbeart agus an robh mi ag iarraidh a thighinn còmhla rithe.
A bhròinein! Cha b' e ruith ach leum gu gèam headers is volleys le mo charaidean ùra bhon cheann a-muigh air talamh tròcair Rally Park - 's dòcha poca chips air an rathad dhachaigh - cha b' urrainn na b' fheàrr.
Anns an Fiesta bheag dhearg againn air an rathad dhan Tairbeart, bha bruidhinn air an radio mu dheidhinn BCCI agus an staing mhòr.
"Am faod mi stèisean eile a chur air?" thuirt mi ri mo mhàthair" - b' e "ist" an fhreagairt aithghearr a fhuair mi.
Bha e follaiseach gun robh gu leòr air a h-aire agus chùm mi mo chab dùinte an còrr dhen t-slighe.
Staing
Bha mi air beagan mu staing BCCI a chluinntinn sna làithean roimhe - cha robh dol às ann - bha e air a h-uile bulletin, pàipear-naidheachd agus ann am beul a' bhaile.
Bha beagan de thuigse agam gun robh rudeigin mòr air gabhail àite, ach cha robh mi buileach cinnteach dè bh' ann.
Cha robh for agam air nuair a bha am Fiesta beag dearg a' teàrnadh sìos a' Chàbh a' dòl a-steach dhan Tairbeart am fosgladh sùil a bha romham.
Mìcheal Forsyth
Am feasgar sin, bha heileacoptair Newsnight a' dol a mhilleadh a' ghèam ball-coise agam, agus bha mi gu bhith a' gabhail cupa teatha agus a' còmhradh ri Ministear Oifis na h-Alba Mìcheal Forsyth.
Ràinig sinn an Tairbeart agus bha ullachadh mòr a' dol san gymnasium aig an sgoil.
Buffet mòr le biadh de gach seòrsa - brot, ceapairean, cèicean agus mìlsean gu leòr.
Bha frocaichean fansaidh air gach boireannach is tàidh is clò Hearach air gach fear.
Bha mo mhàthair na rianaiche air Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na Hearadh aig an àm, agus b' e seo a' choinneamh bhliadhnail aca.
Bha iad air cuireadh a thoirt do Mhinistear Oifis na h-Alba Mìcheal Forsyth a thighinn, oir bha iomairt làidir a' dol airson ionad fhaighinn far am b' urrainn seann daoine na làithean mu dheireadh aca a chur seachad anns na Hearadh seach a dhol dhan ospadal ann an Steòrnabhagh neo air tìr-mòr.
Bha seo cudromach dha-rìribh, ach b' e ball-coise a bha air m' aire.
Chaidh mi a-mach a chluiche ball-coise air Rally Park còmhla ris na balaich eile.
Heileacoptair
Cha do mhair seo fada ge-tà, oir a-mach às na speuran thàinig heileacoptair agus b' e an raon-cluiche againne an raon-laighe.
Nochd an Janny agus chuir e an teiche oirnne, agus le dà bhat table tennis na làimh dh'iùil e an heileacoptair sìos anns a' chearcall-mheadhan.
Bha mi fhìn agus mo charaidean air ar beò-ghlachadh.
Air mullach an gymnasium bha m' athair, Dòmhnall Nèill, A' Bhuchan agus an Chowanay - luchd-obrach na comhairle a' càradh mullach an gym a bha daonnan ag aoidion.
Dh'èigh Dòmhnall Nèill, "Haoidh Janny, dè bha thu a' dèanamh le na tennis bats ann a shen?"
"Ist amadainm" arsa an Jannym "nach eil fhios agad gun robh mi nam mo bhoss controller aig Heathrow fad bhliadhnaichean mus tàinig mi dhachaigh!"
A' coimhead air ais 30 bliadhna às dèidh làimhe, bha seo a' samhlachadh cho surreal sa bha cùisean.
Newsnight
'S beag a dh'ùidh a bh' agam fhìn is na MacQueen St Maestros ann am ball-coise an uair sin - bha sinne a' cuideachadh sgioba Newsnight a' toirt na h-uidheamachd aca far an heileacoptair a-steach dhan t-seòmar-teagaisg matamataigs.
Ann am priobadh na sùla, bha stiùidio beag le ceangal saideil airson na dealbhan a chur air ais gu Lunnainn air a chur an sàs.
Choimhead sinn agallamh às dèidh agallamh gan clàradh agus Mìcheal Forsyth air a chruaidh cheasnachadh le sàr luchd-naidheachd mar Thormod Caimbeul, Dòmhnall Iain Dòmhnallach agus Justin Jones bho Newsnight.
Dè bha an riaghaltas a' dol a dhèanamh gus na h-Eileanan an Iar a chuideachadh?
Cha robh càil dhen sin anns na freagairtean oifigeil, ach an-duigh tha fios againn gun robhar a' seinn òran eile anns na coinneamhan dùinte aig Westminster agus Rathad Shanndabhaig.
Às dèidh sin, ghabh e ùine bruidhinn rium fhìn agus mo charaidean ag iarraidh ar beachd air suidheachadh òigridh sna h-eileanan.
'S e an co-dhùnadh a rinn e gur e adhbhar dragh a bh' ann gun robh balaich tapaidh, treun mar sinne a' cluiche ball-coise seach rugbaidh.
Thog e a chasan gu Steòrnabhagh airson còmhraidhean leis a' chomhairle.
A' chuimhneachadh
Cha robh mi air smaoineachadh neo studaigeadh air càil dhen seo gu bho chionn dhà neo thrì mìosan air ais.
Mar as trice bidh mi a' feuchainn ri coimhead air adhart, ach tha mi aig a' cheart uair mothachail gu bheil tòrr a tha inntinneach agus ri ionnsachadh ann a bhith a' coimhead air ais.
Bha fios agam gu robh an ceann-là seo a' teannadh dlùth, agus mar neach-naidheachd, tha mìosan an t-samhraidh mar fhàsach.
Tha thu an còmhnaidh a' coimhead airson rudeigin a nì pìos neo dhà a lìonas beàrn tron t-seasan ghòrach.
Ach nuair a thòisich mi a' coimhead air ais air BCCI, thòisich na cuimhneachain a' taomadh a-steach orm.
Na rudan nach robh mi a' tuigsinn aig dusan bliadhna a dh'aois gam bhualadh mar òrd feansaidh an-diugh.
A' dol air ais tron tasglann a' faicinn dhaoine nach eil mòran nas sine na tha mise an-dràsta a' feuchainn ri dèiligeadh ri call dàrna leth de dh'airgead bliadhna.
A' smaoineachadh air mo phàrantan a bha còmhla an eisimeil na comhairle airson am bith-beò.
Cha robh iad nan aonar - bha iomadh teaghlach anns an aon suidheachadh neo 's dòcha nas miosa.
Fàidhean dubhach
Na fàidhean dubhach ag ràdh gun robh deireadh an t-saoghail a' teannadh dlùth - an economaidh a' dol a dhol fodha agus a' tarraing a h-uile mac màthar sìos dhan ghrunnd.
Cha ghabh e tuigsinn an t-uallach agus an strèana a bh' air muinntir an àite aig an àm.
A' chiad rud a bhuail mise - gun robh an t-ùghdarras ionadail againne a' cleachdadh an aon bhanca ri Saddam Hussein, Pablo Escobar is Abu Nidal.
Bha am banca a' tabhann ìre rèidh na b' fheàrr na càch agus bha cothrom ann airgead a dhèanamh aig àm nuair a bha an sporan poblach gann.
Bha gu leòr feargach aig an àm - tha tasglann bhideo is fuaim a' cur seo an cèill le iomradh air iomadh coinneamh phoblach shradagach.
Fearg
An toiseach bha truas aig daoine dhan chomhairle is beagan co-fhaireachdainn - cha do mhair sin fada ge-tà nuair a chuala daoine gum faodadh a' chìs-coimhearsnechd, neo am Poll Tax mar a bh' air aig an àm, a dhol suas bho £77 gu £1,000 sa bhliadhna.
Bha an caothach tioram air mòran agus bha gu leòr airson coire a chomharrachadh agus daoine eile a' faicinn cothrom poileataigeach a-mach à còmhstri.
Thàinig atharrachadh air a' chomhairle - dh'fhalbh an t-Àrd-Oifigear, Dr Seòras MacLeòid, Stiùiriche an Ionmhais, Donaidh G Macleòid, agus am Fear-Gairm, An t-Urramach Dòmhnall MacAmhlaidh.
Ceart neo ceàrr, ghiùlain is dh'fhulaing na daoine sin tòrr - bha e soilleir aig an àm, ach a' coimhead air ais air an-duigh, tha e gu h-àraid follaiseach.
Chaidh mearachdan a dhèanamh, ach chan ann a-mhàin aig a' chomhairle - suas chun na mionaid mu dheireadh, bha Banca Shasainn a' moladh BCCI mar bhanca a bha ceart is earbsach.
Fuasgladh
Bha seo 's dòcha mar phàirt dhen adhbhar a chaidh fuasgladh a lorg gus iasad de £24m a thoirt dhan chomhairle a bha a' ciallachadh gun deach a' mhòr chuid dhen droch bhuaidh a sheachnadh.
Gu h-iongantach as dèidh iomairt laghail fhada thoinnte le luchd-trusaidh nam fiach aig BCCI, fhuair a' chomhairle an earrann mu dheireadh dhen airgead air ais, agus bònas de chòrr air £1m a bharrachd air sgàth 's gun robh co-luach an airgid fàbharach aig an àm.
Anns na seachdainean a dh'fhalbh, tha daoine air a bhith a' faighneachd dhomh dè air a bheil mi ag obair an-dràsta. Nuair a chanas mi BCCI, bidh cuid ag ràdh rudan mar "na h-uighean gu lèir san aon bhasgaid", neo nuair a dh'innse àrd-oifigear na comhairle dhan luchd-naidheachd, "I was and still is on holiday".
Ach chan eil guth aig daoine a tha deich bliadhna nas òige na mise air BCCI.
Dha na daoine a bha ann sa chunnaic sa dh'fhulaing, cha tèid samhradh fada 1991 à cuimhne gu bràth.