An leabhar a chuir "sgeulachd nan croitearan fhèin aig cridhe na h-eachdraidh"

An t-Ollamh Seumas Mac an t-Sealgair
- Air fhoillseachadh
Chruinnich daoine ann an Dòrnach gus comharrachadh 50 bliadhna bho nochd leabhar a thug cruth-atharrachadh air mar a bha eachdraidh na Gàidhealtachd ga tuigsinn ann an saoghal nan acadaimigeach.
Nochd 'The Making of the Crofting Community' ann an clò airson a' chiad turas ann an 1976.
Bha an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart bho Shabhal Mòr Ostaig am measg na thug seachad òraid aig a' cho-labhairt ann an Dòrnach.
"Tha sinn an seo airson urram a thoirt dha Seumas Mac an t-Sealgair, fear den luchd-eachdraidh as urramaiche a th' ann a thaobh eachdraidh na Gàidhealtachd," thuirt e.
"Mar a chanadh Seumas fhèin, 's e leabhar a chaidh a sgrìobhadh a' gabhail sealladh nan daoine agus a' cur muinntir na Gàidhealtachd aig teis-mheadhan na sgeulachd.
"Chan ann tric a thachair sin anns na leabhraichean acadamaigeach ron sin.
"Mar bu trice bha iad a' coimhead air na Gàidheil mar ròbotan mar gum biodh, cha robh mòran "agency" no gnìomhachd aca fhèin.
"Bha Seumas airson sealltainn dhan luchd-leughaidh gun robh eachdraidh againn fhìn agus gun do ghabh sinn pàirt gnìomhachd anns an eachdraidh ud."

An Dr Dòmhnall Uilleam Stiubhart
'S e Coimhearsnachd, Seasmhachd agus Fulangas: A' comharrachadh 50 bliadhna de "Cruthachadh na Coimhearsnachd Croitearachd" ainm na co-làbhairt a chuir Ionad Eachdraidh Oilthigh na Gàidhealtachd air dòigh.
"'S e sàr obair a th' anns an leabhar seo, a' teagasg eachdraidh na Gàidhealtachd ann an dòigh a chuir sgeulachd nan croitearan fhèin aig cridhe na h-eachdraidh sin, nuair a tha sinn a' coimhead air na h-atharrachaidhean mòra san sgìre gu h-àraid tron 19mh linn, ach a tha fhathast a' toirt buaidh oirnn sa là an-diugh," thuirt an Dr Elizabeth Ritchie, a tha na h-àrd-òraidiche aig an ionad.
Thug iomadh òrdaiche iomradh air a' bhuaidh a thug an leabhar orra fhèin agus air an tuigse aca mu eachdraidh na Gàidhealtachd.
Tha e soilleir gun do stèidhich an obair aig Seumas Mac an t-Sealgair - a' toirt barrachd spèis do thùsan sa Ghàidhlig agus do bheachdan nan croitearan fhèin seach cunntasan nan uachdaran - dòigh-obrach a tha air a bhith air leth cudromach ann an obair rannsachaidh on uairsin.
"Tha mi an dòchas gu bheil sinn air eisimpleir Sheumais a leantainn chun na h-ìre is gu bheil sinn air atharrachadh a thoirt air an dòigh anns a bheil sinn a' smaointinn air an àm a dh'falbh," thuirt an Dr Ritchie.
"Gu bheil sinn a' beachdachadh air na daoine iad fhèin agus mar a tha iadsan a' cur rudan an gnìomh agus a' seasamh an aghaidh rudan eile, seach dìreach iadsan aig an robh cumhachd a' sparadh an cuid bheachdan agus structaran air na daoine àbhaisteach fad an t-siubhail."

An Dr Elizabeth Ritchie bho UHI
Cha robh tiocaidean sam bith air fhàgail airson na co-labhairt, a bha air farsaingeachd de luchd-amhairc a thàladh.
Dh'aidich an t-Oll Mac an t-Sealagair fhèin gun robh e "caran neònach" dha fhèin a bhith an làthair, ach gun robh e toilichte gun robh na h-uimhir de dhaoine den bheachd gun b' fhiach an leabhar fhoillseachadh.
Dh'innis e dhomh mar a thàinig an leabhar gu bith is mar a bha e air a dhlùth cheangal ris an teaghlach aige fhèin agus gu sònraichte a sheanair, fear Iain Camshron.
"Thogadh mise ann an Dùrar agus bha esan a' fuireach còmhla rinn nuair bha mi nam ghille òg sna 1950an.
"Rugadh esan ann an 1872. Cha robh facal de Bheurla aige nuair a thòisich e san sgoil.
"Ach dè bha aige, bha sgìre agus an linn às an tàinig e, bha comas aibhseach air sgeulachd aithris.
"'S ann bhon fhear ud agus bho chuid eile den teaghlach a fhuair mi blasad air dè na beachdan a bh' aig muinntir na Gàidhealtachd mun eachdraidh aca.
"Agus nuair a chaidh mi chun an oilthigh bha e cho soilleir is a ghabhas gun robh astar mòr eadar sin agus na bha an saoghal acadaimeagach aig an àm a' smaoineachadh agus a' sgrìobhadh mun Ghàidhealtachd is mu na Fuadaichean."

"Làn de mhisneachd na h-òige, chuir mi romham cunntas eile a sgrìobhadh. 'S e obair acadaimeagach a bh' ann, ach bha mi an dòchas gum biodh e cuideachd na chunntas air mar a bha muinntir na Gàidhealtachd a' tuigsinn na h-eachdraidh aca fhèin.
"Bha mi gu mòr airson a bhith a' faighinn air falbh bhon bheachd gun tàinig gach ni gu crìoch leis na Fuadaichean.
"Bha mi airson sgrùdadh a dhèanamh air Strì an Fhearainn agus mar a fhuaireadh na còraichean laghail a th' aig croitearan san là an-diugh. Agus chanainn gun do shoirbhich leam."
Thuirt an t-Oll Mac an t-Sealgair nach robh e idir an dùil gum biodh daoine fhathast a' bruidhinn mun leabhar ann an 2026 agus fhathast ga cheannach.
Ach dè mu dhèidhinn beachd nan croitearan fhèin air an leabhar bho thùs?
"Nuair a nochd e chosg e £10 - suim mhòr an uairsin," thuirt an t-ùghdar.
"Greiseag às dèidh dha nochdadh chaidh iarraidh orm bruidhinn aig tachartas san Eilean Sgitheanach.
"Thuirt bodach rium: 'Uill, cheannaich mi leabhar agad agus tha mi airson meal a naidheachd chur ort.
"Is tu a' chiad dhuine ris an do thachair mi a-riamh a choisinn sgillinn à croitearachd."