Moladh Talla-baile Inbhir Ghòrdain a thoirt do dh'urras air £1

Tha "ath-leasachadh mòr" a dhìth air Talla-baile Inbhir Ghòrdain
- Air fhoillseachadh
Beachdaichidh comhairlichean Gàidhealach Diluain air planaichean gus togalach eachdraidheil am meadhan Inbhir Ghòrdain ùrachadh.
Chaidh Talla-baile Inbhir Ghòrdain a thogail ann an 1871 do chomhairle a' bhaile aig an àm.
Bhon uair sin, tha e air a dhol na thaigh-dhealbh, na thalla bingo agus na ionad-ealain.
Ge-tà, chan eil an togalach, a tha fo shealbh Stòras a' Mhaith Choitchinn aig Inbhir Ghòrdain, ga chleachdadh mar a bha uair agus tha "ath-leasachadh mòr" a dhìth air.
Talla a' bhaile an Inbhir Ghòrdain. Bhideo, 00:02:38
- Air fhoillseachadh19 Am Màrt 2019
Thathar a' moladh do bhuill Comataidh an Eilein Duibh agus Rois an Ear an taic a chur ri aonta fom faigheadh Urras Leasachaidh Inbhir Ghòrdain an togalach fad 99 bliadhna airson £1.
'S e a th' anns an amharc aig an urras an talla a chleachdadh mar hub coimhearsnachd agus na h-uairean fosglaidh a leudachadh.
Tha iad airson tachartasan agus cur-seachadan a bharrachd a bhith ann, agus tha iad a' faicinn cothroman gnothachais an cois nam bàtaichean-turais a thig dhan phort as t-samhradh.
Tha iad an dòchas maoineachadh fhaighinn airson an togalach Liosta B ùrachadh agus tha dùil gun cosgadh an obair sin timcheall air £2m.