Seaplain prìosain a' dol na Modaràtar air Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba

- Air fhoillseachadh
'S i ministear a bha ag obair sa phrìosan as motha an Alba a chaidh ainmeachadh mar Mhodaràtar ùr Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba.
Chaidh an t-Urr Jill Clancy, 56, ainmeachadh an dèidh dhi a bhith ag obair na seaplain ann am Prìosan Bàrr na Linne airson naoi bliadhna, agus a bhith na ministear paraiste ann an Guraig, Glaschu agus Siorrachd Àir.
Gabhaidh i thairis mar Mhodaràtar bhon Àrd-Urr Gòrdan MacUalraig sa Chèitean an ath-bhliadhna mar thosgaire na h-Eaglaise gach cuid ann an Alba agus thall-thairis.
Buinidh i do Chill D'Fhinnein ann an Siorrachd Àir a Tuath.
'S i a' chiad sheaplain prìosain, agus a' chiad sheaplain nach robh ceangailte ris na feachdan armaichte a chaidh a chur air adhart dhan dreuchd - agus i air an t-seachdamh boireannach a tha a' dol na Modaràtar bho chaidh Eaglais na h-Alba a stèidheachadh o chionn 466 bliadhna.
"Tha na h-aon cheistean orm an-dràsta mu bhith a' dol nam Mhodaràtar 's a bh' orm nuair a chaidh mo ghairm dhan mhinistreachd - tha mi ro òg, chan eil mi glic gu leòr, agus tha blas làidir Siorrachd Àir agam," thuirt i.
"Tha fhios agam nach còrd mi ris a h-uile duine, ach seo mise, agus tha adhbhar aig Dia a bhith gam ghairm dhan dreuchd seo aig an àm seo ann am beatha na h-Eaglaise.
"Bu mhath leam taing a thoirt chan ann a-mhàin dhan Eaglais nach do dhìochuimhnich mi, cha do chuir iad air cùl bhallachan Bàrr na Linne mi 's an t-iuchar a' chaitheamh air falbh, ach cuideachd taing a thoirt do Sheirbheis Phrìosan na h-Alba airson leigeil leam bliadhna a thoirt far m' obrach airson iad fhèin agus an Eaglais a riochdachadh."
Bidh am Modaràtar nan cathraiche air Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise far an tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh mu obair agus laghan na h-Eaglaise, agus mu na thachras san àm ri teachd.
Bidh iad anns an dreuchd airson bliadhna, sam bi iad nan tosgaire dhan Eaglais, a' coinneachadh ri ceannardan creidimh, a' tadhal air clèirean agus pròiseactan agus a' riochdachadh na h-Eaglaise gach cuid an Alba agus dùthchannan eile.

Thuirt an t-Urr Clancy gur e tèama na bliadhna aice mar Mhodaràtar "gràdh".
"Biodh do chridhe, d' anam agus d' inntinn làn gràidh dhan Tighearna do Dhia, agus biodh gràdh agad air do nàbaidh mar a th' agad ort fhèin - sin am motto agamsa. 'S ann a rèir sin a tha mi beò, agus mura bi gràdh agad ort fhèin, cò dha an toir thu gràdh?
"Thachair mòran slànachaidh nam bheatha. Bha meall rudan tro am b' fheudar dhomh a dhol, agus tro am bi mi a' dol còmhla leis an fheadhainn a tha ag obair còmhla rium.
"Bidh mi gan cuideachadh an aon rud a dhèanamh, gràdh a bhith aca dhaibh fhèin, agus do chàch, spèis a bhith aca do chàch, agus faicinn gu bheil a' bheatha cudromach."
"Os cionn sin uile tha mo dhàimh ri Dia, 's a bhith comasach air an dàimh sin a roinn."
Bha an t-Urr Clancy ag obair aig Prìosan Bhàrr na Linne tro Chovid ann an 2020, nuair a ghabh i thairis stèisean rèidio a' phrìosain - Barbed Wireless - mar DJ Jolly Jilly, airson a chumail a' dol, leis nach robh cead aig na prìosanaich a b' àbhaist a bhith ga ruith na ceallan aca fhàgail ri linn a' bhìorais.
Bhuilich Seirbheis Phrìosan na h-Alba duais oirre airson prògram uair de thìde a chlàradh, a ghearradh agus a chraoladh tron phandemic.