Naidheachdan 11:00m

Inimreachas

Bidh riaghailtean ùra inimreachais, agus cò gheibh cead maireannach fuireach anns an dùthaich, air am mìneachadh an-diugh fhathast le Rùnaire na Dùthcha, Shabana Mahmood. Bha ise airson an ùine a dh'fheumadh daoine a bhith anns an dùthaich gu laghail a leudachadh, mus biodh cead aca fuireach airson ùine gun chrìch. Ach bha na molaidhean aice air mì-thoileachas adhbharachadh air beingean-cùil nan Làbarach. Tha dùil gum bi na planaichean ùra ge-tà, a' ceadachadh do dhaoine a tha ag obair ann an cùram sòisealta cead-fuirich fhaighinn nas luaithe na gheibh feadhainn eile an leithid.

An Ucràin

Cha deach a dhearbhadh fhathast cò rinn ionnsaigh shaidhbear air siostaman rabhaidh an dà chuid anns an Ucràin agus anns an Ruis tron oidhche. Thuirt an dà dhùthaich gun robh na apps aca, a bhiodh a' toirt fios air fònaichean-làimhe do dhaoine nam biodh dùil ri ionnsaigh adhair no eile, gun robh iad air hack fhulang. Chan eil e follaiseach an e buidhnean fà leth a thug ionnsaigh air an dà dhùthaich, no an aon bhuidheann còmhla no fiù 's an tug iad ionnsaigh air a chèile, sreath a chèile.

Kerson

Tha an Ruis air a bhith ri ionnsaigh às ùr air sgìre Kherson air taobh sear na h-Ucràin. Tha siud às dèidh fosadh a mhair sia làithean mun cuairt air baile Oleshky thighinn gu ceann. Tha an Ucràin air fàgail air an Ruis gun do chleachd iad an ùine gun sabaid airson iad fhèin a neartachadh san sgìre. Tha an Kremlin ag ràdh ge-tà, nach deach am fosadh a bhriseadh aca idir.

Ryanair

Tha prothaidean aig a' chompanaidh adhair Ryanair air tuiteam 6% bho thoiseach an Iuchar gu deireadh na Sultaine ri linn cosgaisean àrda cumhachd, thuirt iad. Bha buaidh nas fharsainge cuideachd aig cogadh nan Stàitean Aonaichte air Iran air cùisean, thuirt a' chompanaidh. Tha na prothaidean aca sìos ach bha fhathast prothaid aca, às dèidh chìsean, de chòrr air £1.3bn. Ach thuirt Ryanair gu bheil iad fhathast a' beachdachadh air pàigheadh an luchd-obrach aca a rèothadh. Thuirt iad cuideachd gun robh dùil gum biodh prìsean thiceadan aig companaidhean feadh na Roinn Eòrpa ag èirigh an ath-bhliadhna.

Geamaichean a' Cho-fhlaitheis

Tha aithisg neo-eisimealach ag ràdh gun robh Geamaichean a' Cho-fhlaitheis, a bha air an cumail ann an dòigh nas lugha nan àbhaist an Glaschu as t-samhradh, nan dearbhadh air dòigh anns am b' urrainn an leithid a dhèanamh nas saoire. Tha an aithisg ag ràdh gun tug modail Ghlaschu buannachdan eaconamach mòra gu buil - fhad 's a bha a' chosgais fada na b' ìsle na bha e aig tachartasan ron seo.