Luchd-smàlaidh a' dèiligeadh le teine an togalach tuathanais air Taobh Sear Rois

Luchd-smàlaidh a' dortadh uisge air togalach mòr air tuathanas ann an oidhrip cuir às dha teine
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-smàlaidh air a' Ghàidhealtachd air a bhith a' dèiligeadh le teine ann an togalach mòr air tuathanas fàisg air Baile Dhubhthaich.

Dhearbh Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba gun deach sia carbadan-smàlaidh còmhla ri goireasan le comasan sònraiche a chur chun na làraich air Rathad Raon-laighe Mhanachain Rois.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm mu 9:20m Diciadain agus chan eil dùil gun deach duine a ghoirteachadh.

Mhol neach-labhairt bhon t-seirbheis smàlaidh do dhaoine san sgìre na h-uinneagan aca a chumail dùinte mar thoradh air a' chèo.

Thuirt Seirbheis Charbadan-eiridinn na h-Alba gun robh iad air ambaileans a chur chun na làraich.