Geamaichean Gàidhealach air an cur dheth is sgrùdadh a' dol mu 'mhì-rèite ionmhais'

- Air fhoillseachadh
Chaidh geamaichean Gàidhealach a th' air a bhith a' dol airson faisg air 200 bliadhna a chur dheth an cois chasaidean mu mhì-riaghailteachd ionmhais.
Thuirt comataidh Gheamaichean Gàidhealach Dhòrnaich gun robh iad "air leth duilich" innse gu bheil an tachartas ga chur dheth gun ach cola-deug ri dhol.
Ann am brath air an làraich-lìn aca, thuirt iad: "Tha seo air sgàth gnothaichean air nach eil smachd againn. Tha sinn a' tabhainn leisgeil airson a' bhrisidh-dùil seo."
Thuirt neach-labhairt nam poileas gun d' fhuair iad aithris mu chasaidean mì-riaghailteachd ionmhais ann an sgìre Dhòrnaich eadar 2024 agus 2025. Thuirt iad gun robh an sgrùdadh aca aig ìre thràth.
Ann am brath gu Naidheachdan a' BhBC, thuirt ceann-suidhe nan geamaichean Jimmy Dòmhnallach gun do rinn iad an co-dhùnadh an dèidh dhaibh "easbhaidhean mòra ionmhais a lorg ann an cunntasan na buidhne".
"Nuair a fhuair sinn a-mach mu na draghan seo, thòisich a' chomataidh sgrùdadh taobh a-staigh na buidhne, agus chaidh a' chùis a chur gu Poileas Alba a nì rannsachadh a bharrachd," thuirt e.
"Leis gu bheil na poilis a-nis a' sgrùdadh na cùise chan urrainn dhuinn an còrr a ràdh aig an ìre seo."
'Briseadh-dùil'
Thuirt Mgr Dòmhnallach gun tuigeadh a' chomataidh gur e briseadh-dùil mòr a bhiodh ann do dh'fharpaisich, gnothachasan ionadail, luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail a tha a' cumail taic ris na geamaichean.
"Tha sinn a' toirt taing dhan coimhearsnachd airson an cuid foighidinn aig an àm dhuilich seo agus tha sinn ag iarraidh gum faigh an fheadhainn a tha an sàs san sgrùdadh seo prìobhaideachd."
Bha còir aig Geamaichean Gàidhealach Dhòrnaich a bhith ann Dihaoine an 7mh den Lùnastal.
Tha an fheadhainn air a chùlaibh ag ràdh gun deach a chumail cha mhòr a h-uile bliadhna bho 1835 "ach aig àm a' chogaidh agus air aon latha fliuch".
Tha an tachartas ann an Cataibh a' tarraing fharpaiseach bhon Roinn Eòrpa, na Stàitean Aonaichte agus Astràilia cho math ris an Rìoghachd Aonaichte.