Comhairle Coimhearsnachd Ìle air cur an aghaidh tuath-gaoithe mòr aig muir

Tha Scottish Power Renewables a' moladh sgeama aig muir sam biodh suas ri 144 crann-gaoithe
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle Coimhearsnachd Ìle ag ràdh gun cuir iad an aghaidh plana airson tuath-gaoithe mòr aig muir, air a bheil MachairWind, taobh a-muigh, an iar-thuath air an eilean.
Tha Scottish Power Renewables a' moladh an leasachaidh sam biodh eadar 90 agus 144 crann-gaoithe air an cur an sàs sa mhuir an iar air Eilean Ì, Muile, Colbhasa is Ìle.
Bhiodh gach crann còrr is 300 meatair de dh'àirde - cho àrd ri Tùr Eiffel 's dòcha.
Chan eil Comhairle Coimhearsnachd Ìle ag aontachadh le beachd na companaidh gum biodh "buannachdan eaconamach agus sòisealta na lùib a mhaireadh ùine mhòr".
Thuirt Richard Mansbridge, ball den chomhairle: "'S e as adhbhar gu bheil sin a' cur na aghaidh nach bi obraichean ionadail ùra ann agus cha bhi buannachd ann cho fada 's a chì sinn."
Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh aig deireadh an Ògmhios.
Tha an leasachadh mar phàirt de rùp ScotWind aig Riaghaltas na h-Alba, mar a tha plana connspaideach Spiorad na Mara far chosta Leòdhais.

Tha Richard Mansbridge, ball de Chomhairle Coimhearsnachd Ìle, ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid a thug seachad beachd thuca an aghaidh plana MachairWind
Rinn a' chomhairle coimhearsnachd sgrùdadh air beachdan dhaoine mu na prìomhachasan aca.
Fhuair iad 500 freagairt agus cha robh ach 100 a' cur taic ris an tuath-ghaoithe leis a' chòrr airson "Ìle fiadhaich a ghlèidheadh".
'S e Ìle aon de na sia eileanan a tha Riaghaltas na h-Alba air a chomharrachadh airson 's gum bi iad carbon-neòdrach ro 2040.
Thuirt Mgr Mansbridge: "An-diugh tha sinn am measg nan àitichean as motha san Rìoghachd Aonaichte a tha a' cleachdadh ola teasachaidh a rèir àireamh an t-sluaigh, agus chan eil MachairWind a' dèanamh càil airson ar cuideachadh dì-charbonachadh."

Tha dragh air Diorbhail Dennis mu cho mòr agus a bhiodh MachairWind
Tha luchd-iomairt nan aghaidh ag ràdh gum biodh iad gu math faicsinneach às Ìle, Colbhasa, Eilean Ì, Muile, Tiriodh agus Colla.
Tha Diorbhail Dennis a tha a' fuireach ann an Ìle ag ràdh gu bheil "fios agam gu bheil feum air dealan ach tha e cho mòr".
Thuirt i: "Bidh e fada air falbh bho na h-eileanan ach cha bhi e math airson Colbhasa agus Eilean Ì, chan eil cho dona air ar son."
Tha muinntir Cholbhosa agus Eilean Ìdhe air cur na aghaidh roimhe.
Dragh an eileanan Earra-Ghàidheal mu bhuaidh thuath-gaoithe aig muir
- Air fhoillseachadh6 An t-Iuchar
Tha Bronwen NicMhuirich cuideachd an agaidh plana MachairWind: "Tha mi a' cur taic ri cumhachd ath-nuadhachail ach chan e sin an sgeulachd a tha seo.
"'S e tuathanas-gaoithe fìor, fìor mhòr a biodh ann aig nach eil feum. Bidh an dealan a' dol taobh Siorrachd Àir chun na Cuimrigh. Chan eil feum sa Chuimrigh air dealan a bharrachd, chan eil gainnead de dhealan ann.
"'S ann mu dheidhinn airgid a tha seo," na beachd, "agus na companaidhean prìobhaideach mòra a' dèanamh phrothaidean mòra bho na daoine beaga.
"Cha bhi buannachd a' tighinn dha na coimhearsnachdan idir, idir," thuirt i.

Tha Bronwen NicMhuirich cuideachd den bheachd nach fhaigh muinntir Ìle buannachd às a' phròiseact
Tha Kiera Wilson, a tha a' stiùireadh a' phròiseict, a' dion a' phlana.
Thuirt i: "'S e MachairWind pròiseact riatanach ath-nuadhachail a chruthaicheas tuilleadh cumhachd glan dhan Ghriod, a' neartachadh tèarainteachd cumhachd na Rìoghachd Aonaicthe agus a' piobrachadh fàs eaconamach.
"Dh'fhaodadh gum bi sinn a' cleachdadh phort ionadail airson na h-obrach agus gun tig cothroman do ghnothachasan agus luchd-obrach na lùib.
"Bidh maoin buannachd coimhearsnachd ann cuideachd."
Tha a' cho-chomhairleachadh phoblach fosgailte chun an 15mh den Lùnastal.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 Am Faoilleach 2022

- Air fhoillseachadh18 Am Màrt

- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios
