Rannsachadh Eòrpach mu chleachdadh na Gàidhlig

- Air fhoillseachadh
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a' sireadh dhaoine airson pàirt a ghabhail ann an rannsachadh mu mar a tha mion-chànanan gan cleachdadh ann an Alba.
Tha am pròiseact ag amas air tuilleadh fiosrachaidh a chruinneachadh mu na prìomh-dhùbhlain a tha mu choinneimh luchd-labhairt mhion-chànanan, taic a chur riutha agus am brosnachadh san ùine fhada.
Bidh pròiseact FOSTERLANG , taobh a-muigha' coimhead ris a' Ghàidhlig, Albais agus Sealtainnis, mar phàirt de rannsachadh nas fharsainne aig ìre na Roinn Eòrpa.
"Tha am pròiseact ag amas air cànanan beaga, cànanan coimhearsnachd, cànanan a th' ann an cunnart anns an Roinn Eòrpa a dhìon agus a thoirt air adhart," thuirt an Dtr Gòrdan Chamshron bhon Oilthigh.
"'S e cothrom gu math cudromach a th' ann dhuinne barrachd ionnsachadh mu na cànanan sin, cò tha gan cleachdadh, cuin 's dè cho tric. Rudan den t-seòrsa sin.
"Bidh ceistean eile ann air mar a tha cleachdadh cànain ag atharrachadh bho ghinealach gu ginealach - can nan robh do sheanmhair a' bruidhinn aon chànan, a bheil thusa fhathast ga bruidhinn, 's a bheil do chlann ga bruidhinn," mhìnich e.
AI
Bidh ceistean ann cuideachd, thuirt an Dtr Camshron, mu leithid AI agus na goireasan a tha na lùib do mhion-chànanan, dè cho math 's a tha iad agus a bheil daoine a' faighinn cothrom an lorg 's an cleachdadh.
"Aig a' cheann thall tha sinn an dùil mapa cànanach le comasan sòisealta a chruthachadh a thaiceas iomadach cànan anns an Roinn Eòrpa, agus bidh na toraidhean a' tighinn a-mach gu poblach an ceann ùine.
Gabhaidh a' Ghàidhlig cleachdadh, a thuilleadh air a' Bheurla, airson an t-suirbhidh a lìonadh suas gu deireadh an Iuchair.
"Tha sinn an dùil 's an dòchas gun cuir iomadh duine taic ris oir 's e cothrom luachmhor a th' ann dhuinn uile barrachd ionnsachadh airson cànanan beaga ann an Alba agus nas fhaide air adhart cuideachd a dhìon agus a shàbhaladh."