Ceannard CMAL a' cur an aghaidh chùmhnantan ùra do Ghàrradh MhicFhearghais

Gàrradh bhàtaichean ri taobh abhainn. Tha aon bhàta aig a' chidhe is tè eile còmhdaichte le sgafall.Tùs an deilbh, PA
LeAilean PeutanagusDòmhnall PollockBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Thuirt àrd-oifigear CMAL "nach e an rud ceart a bhiodh ann" a bhith a' toirt chùmhnantan 'son aiseagan ùra a thogail do Ghàrradh MhicFhearghais air Chluaidh.

Bha Caoimhin Hobbs a' bruidhinn ri buill Comataidh Còmhdhail Pàrlamaid na h-Alba Diciadain, is iad a' coimhead ri suidheachadh nan aiseasgan.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba sa Mhàrt gun rachadh cùmhnantan airson ceithir bàtaichean ùra a thogail gu dìreach dhan ghàrradh.

Nam measg bhiodh aiseagan beaga ùra 'son a dhol air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh.

Cha tàinig dearbhadh air na cùmhnantan bhon uairsin.

A' bruidhinn ri buill aig Holyrood Diciadain, thog Mgr Hobbs air mar a bha dàil air aiseagan a bha Gàrradh MhicFhearghais air a thogail roimhe, is nach robh mar sin luach an airgid ann.

Thuirt e nach biodh e ceart air coimhearsnachdan eileanach a bhith a' toirt chùmhnantan gu dìreach dhan ghàrradh.

Nuair a chaidh faighneachd do Mhgr Hobbs am b' fheàrr leis 'son maith eileanach gun cùmhnant a thoirt gu dìreach gu Gàrradh MhicFhearghais, dh'fhreagair e "100%".

Dh'innis e cuideachd gun do sgrìobh CMAL gu Riaghaltas na h-Alba air a' mhìos a chaidh a ràdh gum biodh droch bhuaidh air coimhearsnachdan eileanach fada nas motha na buannachd a dh'fhaodadh a bhith ann do choimhearsnachd Inbhir Chluaidh.

Thuirt e nach d' fhuair iad freagairt fhathast.

Bha iomairt air a bhith ann an-uiridh airson an t-aiseag ùr a thèid an àite an Lord of the Isles a thogail aig Gàrradh MhicFhearghais.

'S e aonadh an GMB a bha air a cùl is taic aca bho ghrunn riochdairean coimhearsnachd ann an Inbhir Chluaidh.

Thuirt iad aig an àm gun robh e deatamach gur e Gàrradh MhicFhearghais a gheibhadh an cùmhnant - às aonais farpais a bhith ann - gus an goireas a chumail fosgailte is dreuchdan an luchd-obrach a ghlèidheadh.

Bha aig an dearbh àm dragh ann an Uibhist a Deas is luchd-iomairt an sin ag ràdh gum feumadh pròiseas tairgse àbhaisteach a bhith ann.

'S e sin an co-dhùnadh dhan tàinig Riaghaltas na h-Alba air a' cheann thall sa Mhàrt is iad a' cur cùmhnant an LOTI ùr a-mach gu tairgse, ach a' leigeil fhaicinn gun robh iad an dùil cùmhnantan airson aiseagan ùra do Chaolas na Hearadh is Caolas Bharraigh a thoirt do Ghàrradh MhicFhearghais.

Dh'iarr an GMB as t-samhradh gun rachadh na cùmhnantan sin a dhearbhadh, goirid mus deach cha mhòr an cairteal cuid de luchd-obrach a' ghàrraidh a phàigheadh dheth.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba aig an àm gum feumadh iad pròiseasan foirmeil a leantainn airson dèanamh cinnteach gu bheil na cùmhnantan a rèir riaghailtean a thaobh shubsadaidhean is taic stàite.

"Nas miosa na tàmailteach"

Rinn an GMB càineadh air CMAL Diciadain is iad ag ràdh gun robh a' bhuidheann mar-tha air sealltainn nach robh iad 'son 's gun rachadh bàtaichean ùra a thogail aig Gàrradh MhicFhearghais.

Dh'fhàg iad air CMAL gun robh iad air "dèanamh cinnteach gun rachadh cùmhnantan eile thall-thairis le a bhith a' cur chumhachan nan cois a bha do-dhèanta do ghàrraidhean Breatannach".

Thuirt iad cuideachd gun robh pàirt aig CMAL fhèin sna cùmhnantan 'son an Glen Sannox is an Glen Rosa a chaidh gu Gàrradh MhicFhearghais "is a chaidh fada ceàrr".

"Tha cuimhne ghoirid aig daoine ach thog Gàrradh MhicFhearghais an treas cuid de chabhlach ChalMac agus bha e - is chan eil e cho fada sin bhuaithe - na fhactaraidh a thaobh aiseagan na h-Alba," thuirt Robert Deavy bho GMB na h-Alba.

"Mura h-eil e comasach do cheannardan CMAL taic a chumail ri gàrradh aig a bheil eachdraidh shònraichte a thaobh aiseagan a thogail dha na coimhearsnachdan eileanach againn, 's ann a tha an trioblaid le ceannardan CMAL seach Gàrradh MhicFhearghais.

"Tha an dìth lèirsinn is taic do ghàrradh a tha fo shealbh na stàite is le cothroman cho mòr nas miosa na tàmailteach".

Nas tràithe Diciadain bha Mgr Hobbs air innse do Chomataidh na Còmhdhail gur dòcha nach ruith an Glen Sannox is an Glen Rosa air connadh LNG a chaoidh tuilleadh.

Chaidh na bàtaichean connspaideach a thogail is comas aca ruith air ola gas mara traidiseanta air neo LNG.

Chan eil an Glen Sannox tric air LNG a chleachdadh bho thàinig i a-steach gu seirbheis an-uiridh.

Nuair a chaidh faighneachd dha Mgr Hobbs Diciadain am faodadh e a bhith nach ruitheadh an Glen Sannox air LNG a-rithist is nach ruitheadh an Glen Rosa air idir, thuirt e gum faodadh sin tachairt.

Bha Mgr Hobbs air innse do chomhairlichean anns na h-Eileanan an Iar ann an 2024 nach robh CMAL an dùil siostam LNG a chleachdadh 'son aiseagan a-rithist.

"Tha dà bhàta LNG againn is tha fios aig a h-uile duine mun deidhinn," thuirt e aig an àm sin.

"Tha na bàtaichean eile a tha sinn a' togail san Tuirc - agus an LOTI ùr a tha sinn a' dealbh - 's e bàtaichean traidiseanta a bhios annta le siostaman connaidh traidiseanta.

"Tha LNG air a bhith soirbheachail ann an àitichean ach tha an gnìomhachas san fharsaingeachd a' gluasad air falbh bhon sin".