An Kilda air ais air tìr ann an Arcaibh

Am Bàt-iasgaich an Kilda ceangailte air crann-togail le oifigear ann an seacaid poilis ga coimhead.
  • Air fhoillseachadh

Chaidh am bàta-iasgaich an Kilda a chaidh a dhìth far chosta Leòdhais a thoirt gu tìr ann an Arcaibh oidhche Ardaoin.

Dhearbh na poilis feasgar Dihaoine gun do rinn iad rannsachadh mionaideach oirre agus nach robh sgeul air an dithis chriutha nach d' fhuaireadh fhathast.

Chaidh an Kilda a dhìth air 13mh là den Dàmhair agus i air a bhith ag iasgach faisg air Rubha Robhanais le triùir chriutha air bòrd.

Fhuaireadh corp Douglas Craigie, 49, an uairean beaga na maidne an ath là ach tha Tam Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, 23, fhathast gun an lorg.

Chaidh slige an t-soithich fhaicinn mu 50 mìle far chosta Arcaibh Diciadain agus lean iomairt Diardaoin gus a toirt gu tìr.

Dh'innis Poileas Alba gun deach an Kilda a thoirt às an uisge mu 5:25f Diardaoin.

Beagan ro mheadhan-oidhche, chaidh a toirt a-steach gu Baile na h-Eaglaise.

Am bàt-iasgaich an Kilda ceangailte air crann-togail le oifigear ann an seacaid poilis ga coimhead.

Dhearbh Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) Diardaoin gu bheil iadsan air làn-rannsachadh a thòiseachadh air call an Kilda.

Rinneadh iomairt mhòr agus sgrùdaidhean mionaideach air dà làraich shònraichte eadar Port Nis agus Rubha Robhanais bho chionn cola-deug ach cha do lorgadh càil bhon Kilda.

Thàinig an ràth-sàbhalaidh aice air tìr ann an Sealtainn còrr is cola-deug an dèidh na tubaiste.

A' bruidhinn Dihaoine, thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gu bheil e an dòchas gun cuidich an "dòigh sa bheil na sruthan a' toirt air falbh rudan" an iomairt gus lorg fhaighinn air an dithis air nach eil sgeul.

Thuirt e: "Bhiodh sinn ag ùrnaigh gun dèigheadh na cuirp aig Tam agus Murchadh fhaighinn airson cothrom a thoirt dha na teaghlaichean acasan gum faigheadh iad air ais dhachaigh."

Tha Mgr MacAonghais ag ràdh gum b' aithne dha an triùir iasgairean thairis air iomadach bliadhna agus gur e "buille chruaidh dhomhsa a th' air a bhith ann".

"Tha an ìre mhath dusan bliadhna bho nach robh daoine a chaidh a chall aig muir agus nuair a tha sinn a' faicinn triùir gan call air aon bhàta tha e air leth duilich," thuirt e.

Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach Tùs an deilbh, Poileas Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach air a bhith ag obair faisg air Port Nis

"Tha na smuaintean againn fhathast leis a h-uile duine air a bheil an tubaist seo air buaidh a thoirt," thuirt An Inspeactor Neil Taylor bho Phoileas Alba.

"Bidh an rannsachadh againn a' leantainn is bidh sinn ag obair còmhla ri buidhnean eile, nam measg Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara, Buidheann na Mara is na Maor-Cladaich, cho math ri eòlaichean mara ionadail.

"Tha sinn a' tuigsinn gur e àm doirbh a tha seo dha na teaghlaichean agus dhan choimhearsnachd ionadail, ach dh'iarrainn gum bi daoine foighidinneach fhad 's a tha làn-rannsachadh ga dhèanamh air a' bhàta.

"'S e rannsachadh toinnte a bhios ann is tha sinn airson 's gun tèid ùine a thoirt dha na h-eòlaichean an obair aca a dhèanamh."

Thuirt na poilis gun robh teaghlaichean an triùir fhireannach ag iarraidh gum faigh iad prìobhaideachd.